Raibeart I na h-Alba
B' e Rìgh na h-Alba a bha ann an Raibeart Brus (11 an t-Iuchar 1274–7 an t-Ògmhios 1329). Is dòcha thàinig an t-ainm Brus bho de Bruce, a’ ciallachadh a bhaile ris an canar a-nis Bruges anns a' Bheilg. [1] A rèir sgoilear eile thàinig an t-ainm Brus bho Breizh a tha a' ciallachadh "a' Bhreatainn Bheag" anns a' Bhreatannais.[2]
Teaghlach
[deasaich | deasaich an tùs]Mac le Raibeart Brus agus Marsaili, baintighearna Carraig, thàinig am Brusach òg gu bhith na Iarla Carraig anns an 9 an t-Sultain 1291. ‘S e ban-uasal Gàidhealach a bha na mhàthair agus fear dhe na Frangach a bha na athair. Bha am Brus òg fileanta ann an iomadach cànan: fhuair e Gàidhlig bho a mhàthair, Frangais bho athair, agus b' urrainn dha Beurla agus Laideann a bhruidhinn cuideachd.
Cogadh ris na Sasannaich
[deasaich | deasaich an tùs]Ghabh am Brusach pàirt anns an ar-a-mach an aghaidh ceannas nan Sasannach sa bhliadhna 1297, ach bha e am measg nan uaislean a strìochd do dh'Eideard I ann an Irbhinn. And dèidh do dh'Uilleam Uallas Blàr na h-Eaglaise Brice a chall ri arm Eideird I ann an 1298, sheas am Brusach agus John Comyn (bho 1299 cuide ri William Lamberton, Easbaig Cill Rìmhinn) mar fhir-dìona na h-Alba. Cha robh an dithis mòr aig a chèile, ge-tà, oir bha Comyn a' toirt taic do John Balliol a fhuair crùn rìoghail na h-Alba ann an 1292, nuair a bha seanair Raibeirt na fharpaiseach a bu chudromaiche eile, agus leig am Brusach dheth a dhreuchd ann an 1300.
Brus na Rìgh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha ceangal air Brus agus Comyn ge-tà, oir bha iad an dà chuid airson Alba neo-eisimeileach fhaighinn a-rithist. Ach nuair a choinnich iad anns an eaglais Dhùn Phris ann am 1306, tha e coltach gun do dh'èirich connspaid eadar an dithis agus chaidh Comyn a mhuirt leis a' Bhrusach. Thug Robert Wishart, easbaig Ghlaschu, easbaloid dha (ged a rinn a' phàpa ascaoin-eaglais air Brus na b' fhadalaiche), agus an dèidh dhaibh cabhag a dhèanamh gu Sgàin chaidh am Brusach a chrùnadh san 25 am Màrt 1306.
Chaidh e a chogadh ris na Sasannaich ach chaill e aig Blàr Meithinnidh ri arm fo stiùir Aymer de Valence, Iarla Pembroke. An dèidh sin bha aige ri teicheadh ri eilean Rathlin ach, anns an Fhaoilleach 1307, thill e gu Siorrachd Inbhir Àir agus thòisich e ris na Sasannaich a shabaid.
Alba saor a-rithist
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Èideard I le arm a dh'Alba ach chaochail e faisg air Cathair Luail san 11 an t-Iuchar 1307. Cha robh a mhac, Eideard II, idir cho làidir ri athair agus gu slaodach ath-bhuidhinn am Brusach, a' chuid a bu mhotha na dùthcha. An toiseach rinn e a' chùis air fir-thaic Comyn (gu h-àraidh ann am Bàideanach), agus an dèidh sin bha e a' cleachdadh ceatharnach-cogaidh airson sin a dhèanamh, a' dèanamh sgrios air na caistealan a ghabh e. B' e na fir-chuidich a bu chudromaiche aige Eideard Brus, a bhràthair, Seumas Dùghlas agus Thomas Randolph.
‘S e am blàr a bu chudromaiche Blàr Allt a' Bhonnaich far an do rinn Raibeart agus na h-Albannaich sgrios mòr air arm Sasannach a bha fada na bu mhotha san 24 an t-Iuchar 1314. On a bha trioblaidean le Èideard II leis na uaislean aige a' chumail, b' urrainn do Raibeart an rìoghachd aige a neartachadh, agus mu dheireadh leig Èideard III, rìgh Shasainn bho 1327, seachad tagradh sam bith air rìoghachd Alba ann an 1328 leis a' Chùmhnant Northampton.
Aistean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Maurits Gysseling, Toponymisch woordenboek van België, Nederland, Luxemburg, Noord-Frankrijk en West-Duitsland (vóór 1226), Brussel 1960, td. 195
- ↑ Walter, Henriette (2013): L'aventure des langues en Occident: Leur origine, leur histoire, leur géographie. Robert Laffont.