Jump to content

Inbhir Anainn

O Uicipeid
Inbhir Anann

Map
54°58′59″N 3°15′58″W
Suidheachadh
Comharradh-clèithe NY 190 661
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Dhùn Phris
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 8,389 (2001)
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail agus port iasgaich faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Inbhir Anainn neo Anainn. Tha e suidhichte aig 20m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an iar-dheas Dhùin Phris is Ghall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Cathair Ruairidh agus Greatna, ri taobh na h-aibhne Anainn.[2] Tha e 251km air falbh bho Obar Dheathain, 116km bho Ghlaschu, 24km bho Dùn Phris agus 107km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a' mhòr-chuid dhuibh ann an Inbhir Anainn, ged a tha Pòlais làidir cuideachd. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd, taighean-gnìomhachais agus dreuchdan ann an Cathair Luail. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha ceithir bun sgoiltean agus àrd sgoil ann.[4] Ann an 2001 bha 8,389 duine a' fuireach an seo. [5] Tha an t-Slighe Srath Anainn air a bhith a' dol tron bhaile bho 2009.[6]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às an ainm Ban dhia Gàidhealach Anu neo Cuimris Anaw[7] a tha ainm a' bhaile.[8] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris neo Gàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba, gu ruige Inbhir Anainn.

Chaidh Inbhir Anainn a chlàradh san 7mh linn anns an làmh-sgrìobhainn Ravenna mar Anava agus ann an 1124 mar Estrahanent.[9] Chuir Prionnsa Teàrlach Stiùbhart seachad na h-oidhche ann an taigh ann an Inbhir Anainn, far a bheil an taigh-seinnse Auberge a-nis, air DihAoine 20 an Dùbhlachd 1745, air an t-slighe air ais a dh' Alba gu ruige na Gàidhealtachd.[10] Sgrìobh Raibeart Burns an dàn ainmeil The Deil's awa' wi' the Exciseman (Gàidhlig: Tha an diabhal air falbh leis a' ghàidsear) an seo ann an 1792, nuair a bha esan fhèin na ghàidsear.[11] A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 214 duine à Dail Bheithe bàs sa Chogadh Mòr[12] agus 56 duine eile san Dàrna Cogadh. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.[13]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Falling Rain[dead link]
  2. ↑ River Annan
  3. ↑ Distance From
  4. ↑ Schools Search
  5. ↑ Scotland's Census Result OnLine
  6. ↑ Annandale Way
  7. ↑ Scottish Places
  8. ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. ↑ “Annan/Anainn”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2021.
  10. ↑ Dumfries Museum
  11. ↑ Open Plaques
  12. ↑ Scottish War Memorials Project
  13. ↑ NRS