An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mariano Ospina Rodríguez"

O Uicipeid
Content deleted Content added
according to the decrees of May 9, 1834, June 30, 1858, and November 26, 1861, these are the correct flags
b r2.6.5) (Robot: Adding it:Mariano Ospina Rodríguez
Loidhne 91: Loidhne 91:
[[es:Mariano Ospina Rodríguez]]
[[es:Mariano Ospina Rodríguez]]
[[fr:Mariano Ospina Rodríguez]]
[[fr:Mariano Ospina Rodríguez]]
[[it:Mariano Ospina Rodríguez]]
[[yo:Mariano Ospina Rodríguez]]
[[yo:Mariano Ospina Rodríguez]]

Mùthadh on 17:54, 10 dhen Fhaoilleach 2013

Mariano Ospina Rodríguez

Ainm na Dùthcha Co-chaidreachas Ghranada
Teirm 1 dhen Ghiblean 1857 gu 1 dhen Ghiblean 1861
Ro-Theachdaire Manuel María Mallarino
Neach-Ionlaid Juan José Nieto Gil
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 18mh an Dàmhair 1805
Àite Bhreithe Guasca ( Cundinamarca)
Ceann-Là a Bhàis 9mh am Faoilleach 1885
Àite a Bhàis Santa Marta ( Magdalena)
Bean/Fear-Chèile 1) Marcelina Barrientos Zulaibar 2) Maria del Rosario Barrientos Zulaibar 3) Enriqueta Vásquez Jaramillo
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-lagha

B’ e Mariano Ospina Rodríguez fear-poileataigs, fear-aithris agus fear-lagha à Coloimbia, [1] a steidhich am Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1857 agus 1861. [2][3] Rugadh e ann an Guasca, Cundinamarca 18 an Dàmhair 1805 agus chaochail e ann an Santa Marta, Magdalena, 9 am Faoilleach 1885.

Beatha

Dh’ionnsaich e eòlas-lagha aig an Colegio de Nueva Granada agus fhuair e deagh chliù rè na bliadhnachan mu dheireadh na Coloimbia Mòire o chionns gur e sàr dhìonadair agus fear-taic Francisco de Paula Santander a bh’ann; a bharrachd air sin, bha e an sàs ann an Cuilbheart an aghaidh Bholívar, is b’ fheudar dhàsan a theich gu Antioquia, an roinn far an robh iomadh luchd-dhùbhlain an aghaidh Bholívar fo stiùireadh an t-Seanalair José María Córdova: bha Ospina fiù’s na Rùnaire an t-Seanalair fhèin. Nuair a bhàsaich Córdova ann an 1829, thoisich Ospina a chuid obrach ann an saoghal a’ poileataigs gu dearbh, mar bhall-phàrlamaid anns an roinn ùr dhe Antioquia, far an robh e cuideachd na rùnaire a’ chaibineit agus na Riochdaire anns a’ Chòmhdhail.

‘S e fìor dheagh dhaoine a bh’ann oir dhèiligeadh ris na daoine ann an dòigh glè mheasail. ‘S e ball Buidheann nam Ministear (neo meadhanach) a bh’ann. Dh’ainmich an ceann-suidhe Pedro Alcántara Herrán e mar Rùnaire na Roinne agus na Dùthchannan Cèin ann an 1841; chleachd e an dreuchd sin airson pàirt a ghabhail ann an deasachadh a’ Bhun-Reachd dhe 1843 agus steidhich e siostam làidir an fhoghlaim anns na bun-sgoiltean agus aig ìre meadhanach anns an dùthaich. An uair sin bha e na Riaghladair ann an Antioquia.

Thill e chun a’ Chòmhdhail ann an 1845 agus sgrìobh esan agus José Eusebio Caro a’ chiad prògram an Riaghaltais aig Buidheann nam Ministear (Spàinntis Sector Ministerial), ainm a bha air na Tòraidhean aig an àm (1849); thathar ag ràdh gur e steidheachadh a’ Phàirtidh Thòraidh a bh’ann an gnothach sin.

Dh’fhàs e a bhith na phrìomh cheannard nan Tòraidh rè na 1850an agus sheas e mar thagraiche a’ chinneas aig na taghaidhean ann an 1857. Fhuair e buaidh air dithis nàmhaid Libearalach, Manuel Murillo Toro agus Tomás Cipriano de Mosquera airson an teirm bho 1857 gu ruige 1861. A dh’aindeoin nach d’ fhuair e ach beagan na bu fheàrr na 40% nan bhòtaichean, chuir e air dòigh Riaghaltas smachdail a’ phàirtidh. Fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais shabaideadh an aghaidh buaireas siostam a’ Ghranada Ùr o chionns gur e stàit meadhanachadh a bh’ann a leigeadh e do stàitean feadarail (Panama agus Antioquia) a bhith ann. Le sin, ghairm e co-chruinneachadh ann an 1858 airson bun-reachd na dùthcha a leasachadh, is le sin rugadh Co-chaidreachas Ghranada.

Dh’adhbharaich na atharraichean poileataigeach-shòisealta sin an Cogadh Sìobhalta dhe 1860. B’ fheudar dha Ospina a shabaid an aghaidh Tomás Cipriano de Mosquera, ach chaill e. Chaidh e a chur às an tìr ann an 1861 an dèidh an Riaghaltas agus thill e ann an 1871; chuir e seachad na bliadhnachan mu dheireadh aige an sàs anns na meadhanan agus a’ teagasg aig an oilthigh.

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luis Angel Arango