An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Froilán Largacha"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 10: Loidhne 10:


Thug e ceum mar fhear-lagh aig Oilthigh a’ Chauca. Dh’ obair e mar ollamh agus rùnaire coitcheann an Oilthighe sin. Bha e an sàs anns an obair a rinn Sergio Arboleda Pombo mar Rùnaire Foghlam Poblach a’ Chauca fon Riaghaldair Vicente Cárdenas ([[1848]]). Bha e na Bhreitheamh ionadail an am Popayán.
Thug e ceum mar fhear-lagh aig Oilthigh a’ Chauca. Dh’ obair e mar ollamh agus rùnaire coitcheann an Oilthighe sin. Bha e an sàs anns an obair a rinn Sergio Arboleda Pombo mar Rùnaire Foghlam Poblach a’ Chauca fon Riaghaldair Vicente Cárdenas ([[1848]]). Bha e na Bhreitheamh ionadail an am Popayán.

== Ceann-suidhe Choloimbia ==

Chaidh an Lagh dhe 9mh [[an Gearran]] [[1863]] a chruthachadh leis a’ Cho-chruinneachadh Bun-Reachail dhe Rionegro a steidhich Comataidh Riaghalaidh airson an dùthaich a stiùireadh. Bha còignear Rùnairean aige, is Largacha nam meags, os cionn an Ionmhais agus a’ bhanca Crédito Nacional.


== Iomraidhean ==
== Iomraidhean ==

Mùthadh on 12:50, 5 dhen Dàmhair 2009

Froilán Largacha

B’ e Froilán Largacha Hurtado (Popayán, 15mh an Dùbhlachd 1823 - Bogotá, 5mh an Cèitean 1892) fear-lagh agus fear-poileataigs à Coloimbia[1] a bha na cheann-suidhe na dùthcha eadar 10mh an Gearran 1863 gu ruige 4mh an Cèitean 1863 mar bhall a’ chomataidh riagalaidh a stiùireadh an dùthaich fhad ‘s a bhathar a’ deiseachadh a’ Bhun-Reachd dhe 1863.[2]

Beatha

‘S e mac Felipe Santiago Largacha agus María Josefa Hurtado a bh’ann Froilán Largacha. Phòs e Carolina Ortiz Ortiz, nighean Agustín Ortiz agus Eusebia Ortiz. Fhuair iad dithis duine-chloinne: María Inés agus Carlos Largacha Ortiz. Sgrìobh José María Quijano Wallis, a bha eòlach airsan, gur e Largacha an aon duine ris a choinnich mi a tha mar ìomhaigh na fhoirfeachd mhoralta: fhuair e cliù anns a’ bheatha poblach leis cho tàlatach, cho foghlaimte, cho proifeiseanta agus cho onorach ‘s a bha e. [3]

Cùrsa Beatha

Thug e ceum mar fhear-lagh aig Oilthigh a’ Chauca. Dh’ obair e mar ollamh agus rùnaire coitcheann an Oilthighe sin. Bha e an sàs anns an obair a rinn Sergio Arboleda Pombo mar Rùnaire Foghlam Poblach a’ Chauca fon Riaghaldair Vicente Cárdenas (1848). Bha e na Bhreitheamh ionadail an am Popayán.

Ceann-suidhe Choloimbia

Chaidh an Lagh dhe 9mh an Gearran 1863 a chruthachadh leis a’ Cho-chruinneachadh Bun-Reachail dhe Rionegro a steidhich Comataidh Riaghalaidh airson an dùthaich a stiùireadh. Bha còignear Rùnairean aige, is Largacha nam meags, os cionn an Ionmhais agus a’ bhanca Crédito Nacional.

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO,
  2. Presidencia de Colombia
  3. QUIJANO WALLIS, J. M. Memorias Autobiográficas Histórico-Políticas y de Carácter Social.