Deasbaireachd a' chleachdaiche:Allmhurach

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Zaporizka Oblast Teamplaid:Oblast na h-Ucràine maraiche Plumair

{{{AINM}}}
Fiosrachadh

Securitate Teamplaid:Liosta:Clasaichean Sòisealta

{{{AINM}}}
Fiosrachadh
{{{AINM}}}
Fiosrachadh
Stèidheachadh {{{ STÈIDHEACHADH }}}

Haidh Allmhurach,

Saoil, an urrainn dhut coimhead air Joseph Ignatz Sadler a-rithist, m e.: peantair ainmeil à Morabhia …. Rugadh e ann am Bohemia... agus na cinn-latha/ diofar eadar an teacsa agad, am bogsa fiosrachaidh agus Uici Beurla? Dè bhios ceart? Mòran taing!--Sionnach (an deasbaireachd) 20:49, 17 dhen Iuchar 2017 (UTC)[reply]


Haidh Allmhurach,

Mise a-rithist. Chunnaic mi gun do chuir thu ceangal ri "neach-poileataigs" ann an iomadh aiste. Is dòcha gu bheil sin ciallach anns na h-aistean mu na daoine fhèin, ach cha bu chòir cus cheanglaichean a bhith ann an aistean eile leithid cinn-latha no bliadhnaichean far nach eil iad cudromach idir. Faic me.: Uici Spàinntis no sa Bheurla. Chan eil mi nam aonar leis na beachdan seo, mar a chì thu air na duilleagan Deasbaireachd:Bràthair no Deasbaireachd:Piuthar. Mar a sgrìobh mi roimhe, 's iad na cleachdaidhean ann an Uicipeid agus bhiodh e math cumail riutha.

A bharrachd air sin bhiodh e math nan cleachdadh tu "Seo mùthadh beag" airson rudan beaga mar sin. Mòran taing. --Sionnach (an deasbaireachd) 18:12, 21 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)[reply]


Haidh Allmhurach,

Tha mi uabhasach duilich, ach a rèir Licensing policy chan eil e ceadaichte dealbhan a chur ri uicipeid gun chead. Chunnaic mi gun do luchdaich thu suas na faidhlichean

Ach gu mì-fhortanach chan eil cead aca. Saoil, an urrainn dhut cead a chur riutha ( m.e. Teamplaid:CC-by-sa-3.0) no gan gluasad/ gan luchaidh fhèin suas gu Commons le cead freagarrach? Chunnaic mi gu bheil thu eòlach air Commons ma-tha. Cha toil leam idir e ma thèid iad a' sguabadh às. Mòran taing --Sionnach (an deasbaireachd) 09:30, 27 dhen t-Samhain 2016 (UTC)[reply]


Haidh Allmhurach,

Gabhaidh, gu dearbh. Bhiodh aiste mu dhathan glè mhath! Bhiodh e gu sònraichte inntinneach coimhead air na dathan tro shùilean nan Gàidheal cuideachd. (Ged-tà, feumaidh mi aideachadh gu bheil mi fhìn gu tric mì-chinnteach mu "uaine" agus "gorm" sa Ghàidhlig :-)) Bha mi dìreach airson a ràdh nach faod tu ceangal a chur ris a h-uile aiste far a bheil am facal seo a' nochdadh,... dìreach nas lugha de cheanglaichean, is dòcha ris an fheadhainn far a bheil e cudromach/na bhuannachd ma gheibhear fiosrachadh nas mionaidiche a thaobh dathan.

Tha mi a' dol leat a thaobh chàileachd Uicipeid. Is math gu bheil barrachd aistean susbainteach rim faicinn a-nis seach na h-aistean le loidhne a-mhàin! Le deagh dhùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 21:57, 8 dhen Ògmhios 2016 (UTC)[reply]

PS: Ged nach eil thu feumaich air sin, am faca tu an deasbad a bha againn an-uiridh?


Haidh a Shionnaich,

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn air an aon ràmh a thaobh chàileachd Uicipeid. An gabh duilleag air chòireigin mu dhathan a chruthachadh, ach le nas lugha de cheanglaichean ann?

Haidh Allmhurach,

Chunnaic mi gun do chuir thu ceangal ri "dath" ann an iomadh aiste an-raoir. Is cinnteach gu bheil sin ciallach ann an Dath nan sùilean air sgath 's gu bheil dlùth-cheangail ann ri sin. Ged-tà, cha bu chòir ceanglaichean a bhith ann ri faclan cumanta a tha furasta ri thuigsinn, faic: Overlinking and underlinking, mar eisimpleir leithid ann an Loch Sheanta. Nam bheachd-sa bidh cus ceanglaichean nach eil feumail dha-rìribh a tharraing an aire air falbh bho shusbaint na h-aiste. Chan eil mi ag iarraidh dragh a chur ort air sgath na sàr obrach a tha thu a' dèanamh, ach gu ìre mhòir 's iad na cleachdaidhean ann an Uicipeid.

Co-dhiù, tha e fìor mhath na h-aistean agad mu chuspairean bunaiteach fhaicinn, tha e na thoileachadh dhomh an leughadh!--Sionnach (an deasbaireachd) 07:56, 7 dhen Ògmhios 2016 (UTC)[reply]


Template:Aonadh-ciùird

Mòran taing! Tha air a bhith uabhasach trang is mi a' dèanamh cùrsa aig an oilthigh. Bidh mi air ais a-rithist 's a-rèisd!

Fàilte air ais! Tha mi toilichte d' fhaicinn an seo a-rithist! Sàr obrach a tha thu a' dèanamh air Hans Fallada. --Sionnach (an deasbaireachd) 08:27, 17 dhen Fhaoilleach 2015 (UTC)[reply]

Ceart a' shionnaich! Tha mi a' dèanamh cùrsa an-dràsta, na deasaich na h-aistean ùra an-dràsta, mas e do thoil e.--Sionnach (talk) 13:12, 11 dhen Fhaoilleach 2014 (UTC) Tràilleachd[reply]

Template:Bosga Bàrra Colombey-les-Deux-Églises

Fribourg (Canton) Template:neach-ciùil Template:Cinn-suidhe na h-Èipheit Template:Pàrtaidh

Template:Beachd-smuainealas

Template:SgrìobhadairDeiseil, ghluais mi an Template:Dùthaich Eachdraidheil 02 gu Template:Dùthaich Eachdraidheil, tha mi an dòchas gun robh sin ceart gu leòr. --Sionnach 19:48, 27 dhen Dùbhlachd 2010 (UTC) PS: Na mo bheachd-sa tha na dathan fada nas fheàrr a-nise, chan eil iad a' tarraing àire bhon teacsa.[reply]

Ceart gu leòr a Shionnaich, ni mi sin anns a' bhad!

Would you be willing to help write an introduction to this article? Also, it should probably be migrated to a liosta. What would the correct title be? Daibhidh (talk) 15:24, 5 dhen Fhaoilleach 2013 (UTC)[reply]

Ceart ma tha! Ni mi an gnothach san t-seachdaidnn seo.
Tapadh leidh! Daibhidh (talk) 17:40, 6 dhen Fhaoilleach 2013 (UTC)[reply]

Allmhurach[deasaich an tùs]

Hi Allmhurach,
Chunnaic mi gun do chruthaich thu templaid eile airson dhùthchannan eachdraidheil a tha fada nas fheàrr. Mura a bheil dìth ort air an t-seann Template:Dùthaich Eachdraidheil nas motha, dìreach cuir {{Delete| }} ris; na mo bheachdsa cha bhiodh e math nam biodh dà ann, is dòcha gu bheil daoine eile a' cleachdadh am fear ceàrr. --Sionnach 08:04, 27 dhen Dùbhlachd 2010 (UTC)[reply]

http://www.avcgi360.com/

Name change[deasaich an tùs]

Allmhurach, a charaid, We would like to invite all contributors to take part in the debate to find an appropriate Gaelic form for Wikipedia that doesn't break any rules regarding phonology, intellegibility or forming good neologism. We'd like to invite views/votes from all users here as we'd like to get broad consensus. The debate is here: Name change and - since it involves quite a few technical issues - in English.
Nollaig chridheil agus Bliadhna mhath ùr dhut. --Sionnach 20:36, 23 dhen Dùbhlachd 2010 (UTC)[reply]

Template:Dùthaich Eachdraidheil

Honoré de Balzac

Émile Zola

Goranchacha

La Guajira (Roinn)Magdalena (Roinn)Atlántico (Roinn)Cesar (Roinn)Bolívar (Roinn)Norte de Santander (Roinn)Sucre (Roinn)Córdoba (Roinn)Santander (Roinn)Antioquia (Roinn)Boyacá (Roinn)Arauca (Roinn)Chocó (Roinn)Caldas (Roinn)Cundinamarca (Roinn)Casanare (Roinn)Vichada (Roinn)Valle del Cauca (Roinn)Tolima (Roinn)Meta (Roinn)Huila (Roinn)Guainía (Roinn)Guaviare (Roinn)Cauca (Roinn)Vaupés (Roinn)Nariño (Roinn)Caquetá (Roinn)Putumayo (Roinn)Amazonas (Roinn)Risaralda (Roinn)Risaralda (Roinn)Quindío (Roinn)Quindío (Roinn)BogotáBogotáSan Andrés y Providencia (Roinn)

Nóvita (Chocó)

Melgar Hi Allmhurach
's e do bheatha! Chuir thu an {{Delete| }} ann anns an doigh ceart. A-nise, chuir mi "redirect" ann, tha sin ag obrachadh mar seo: sgrìobh #redirect agus an uair sin ainm an tiotail ceart ann an [[ ]]. Chì thu ciamar a rinn mi e an seo. Feumaidh thu na Interwikis a ghuasad don aiste ceart cuideachd.
Beannachdan--Sionnach 18:05, 28 an Gearran 2010 (UTC)

PS: Ma bhios tu a' faicinn spam, sanasan-reic no aistean gun ciall, (typing tests), dìreach cleachd an template: delete, bhiodh sin gam chuideachadh airson WP Gàidhlig a chumail glàn.



Ciamar a nì mi sin? Bha mi dìreach airson sin a dheànamh o chionn latha neo dhà ach cha robh fhios agam. Tapadh leat airson do chuid chuideachaidh is do chomhairle taobh na teamplaidean!

Allmhurach

Hi Allmhurach
chunnaic mi gu bheil dà bhaile leis an ainm Aranzazu: Aranzazu (baile) agus Aranzazu. Mholainn-sa gun cuir thu "redirect" neo {{Delete| }} air an fhear nach eil thu ag iarraidh. Beannachdan --Sionnach 06:50, 28 an Gearran 2010 (UTC)


Hi Allmhurach!
Is math a tha thu a' dèanamh leis na templates! Tha an Template:Roinn ceart. Ach mholainn-sa an Template:Baile 02 a ghluasad gu Template:Baile ann an Colombia no rudeigin mar seo. Mar sin bhiodh e soilleir, carson a tha dà templates eadar-dhealaichte ann airson bailtean. Chruthaich mi an Template:Baile bliadhnaichean sa chaidh mar bocsa beag a tha freagarrach do gach baile air feadh an t-saoghail, mar sin cha do chuir mi ach beagan fiosrachaidh bunaiteach ris. Ach tha e ceart gu leòr ma bhios template sònraichte ann airson dùthaich a-mhàin a tha a dèiligeadh leis na feartan sònraichte a tha aig an dùthaich fa-leth.
Puing beag eile: Mura bi lùireach agad, bidh am bocsa a' coimhead rud beag neonach, mar a chì thu ann an Aranzazu (baile), far a bheil na faclan [[Image:|px]] a' nochdadh fhathast. Ma chuireas tu an loidhne | LÙIREACH = air falbh, bi an dealbh leis a' chomharradh-ceiste a' nochdadh. Ma bhios an dealbh ro mhòr, cuir 60 neo 70 anns an loidhne LÙIREACH_LEUD: mar eisimpleir: | LÙIREACH_LEUD =70. (Eisimpleir: Andes (baile)) 'S e sin an cleas a tha mi a' cleachdadh, air sgàth 's gu bheil rudeigin ceàrr leis na " #ifeq: " fhathast, ach chan eil fhios agam, dè. (Chan eil mi uabhasach math air an stugh mar seo.:-))
Tha mi cinnteach gu bheil thu a' faicinn an diofar a-nise eadar template ceart (mar Template:Roinn), far a bheil an teasca teicneòlach am broinn an template fhèin agus an Template:Teamplaid:fiosrachadh pearsanta far am feumar leth-bhreac den stugh teicneòlach a chur ris an aiste cuideachd.
Tha mi duilich nach fhaca mi a' cheist agad roimhe sin, cha do rinn thu dad ceàrr, ach bha an </h1> sgrìobhte anns an àite ceàrr (faic an seo) agus mar sin bha an clàr-innse a' nochdadh am broinn a' bhocsa.
Uill, sgrìobh mi cus, ach tha mi an dòchas gu bheil e feumail dhut. Ged a tha mi glè thrang anns an "real Live" an-dràsta, cuiridh mi sùil air WP Gàidhlig gach latha agus chan eil mi a' faicinn mòran a tha ceàrr. Mar sin, cum ort, tha thu a' dèanamh glè mhath!
Beannachdan--Sionnach 07:12, 27 an Gearran 2010 (UTC)


{{{AINM}}}
Mapa a' bhaile
[[Faidhle: {{{MAPA}}}|250x250px]]
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: {{{DEALBH}}}|300px]]
Suidheachadh
Dùthaich {{{DÙTHAICH}}}
Co-chomharran {{{LEUD}}}
{{{ASTAIR}}}
Feartan fiosaigeach
{{{AINM}}}
Suidheachadh
Dùthaich
Feartan fiosaigeach


A' Shionnaich!

tha mi a' faicinn gun do cheartaich thu na rudan a rinn mi ceàrr leis an infobox sin. Dè an do rinn thu? Am faod mi an infobox as chleachdadh ann an duilleagan eile agus ma bhios, ciamar?

Allmhurach

Mòran taing!

Cumaidh mi sùil air an duilleag sin,

Allmhurach.

Hi Allmhurach,
Chunnaic mi gun robh thu a' feuchainn ri "Template:Teamplaid:fiosrachadh pearsanta" a chur air bhog. Ach tha mi duilich, chan eil e ag obrachadh mar seo. Ma choimheadas tu air "Template:Lus" no "Template:Beathach", chì thu an diofar (buail air "deasaich"). Is dòcha gu bheil iad feumail dhut airson templaid ceart a sgrìobhadh, ma tha thu ag iarraidh. No is urrainn dhut na bocsaichean a chur ris na aistean mar a rinn thu le Manuel María Mallarino, tha sin ceart agus a' coimhead glè mhath. Ma bhios ceist agad, leig fios.
Beannachdan --Sionnach 07:04, 16 an Gearran 2010 (UTC)

PS: Rinn thu glè mhath leis an Template mu na Cogaidhean ann an Coloimbia!


Seo teamplaid a chuir mi air bhog mu dheidhinn ceann-suidhe na dùthcha:

Teamplaid:Fiosrachadh pearsanta


Seo teampaid ùr a chuir mu air dòigh mu dheidhinn na cogaidhean ann an Coloimbia:




Hi Allmhurach, tha an Template ùr a rinn thu (Template:Coimhearsnachdan Fhèin-Riaghlach na Spàinne) a' coimhead ceart gu leòr, na mo bheachdsan co-dhiù. 'S urrainn dhut na eadar-wikis a chur ris na templates cuideachd, thèidh iad eadar na <nowiki> ...</nowiki> mar a tha na categories. --Sionnach 20:55, 19 an t-Sultain 2009 (UTC)

Feasgar, mhath! Seo Template ùr a dh'eadar-theangaich mi.

{{Template:Coimhearsnachdan Fhèin-Riaghlach na Spàinne}}

Is math a rinn thu leis an Template mu na roinnean. Chuir mi stuth teicneòlach eile ris agus bratach Choloimbia cuideachd. Mura bheil thu ag iarraidh am bratach, dìreach cuir an loidhne: <div class="NavPic">[[File:Flag of Colombia.svg|30px|left]] </div> air falbh. Le beannachdan --Sionnach 05:52, 17 an t-Sultain 2009 (UTC)

Faodaidh. Feumaidh tu na roinnean a chur air duilleag ùr fo: Template:Roinnean ann an Choloimbia. Dèan leth-breac bho Template:Cinn-suidhe Choloimbia airson an stuth teicneòlas.--Sionnach 21:15, 16 an t-Sultain 2009 (UTC)

An uair sin dìreach cuir {{Template:Roinnean ann an Choloimbia}} ris na aistean. Tha na templates feumail, nam biodh tu ag atharrachadh rudeigin anns an template, bidh sin a' nochdadh anns a h-uile aiste agus chan fhaod tu gach aiste a cheartachadh. --Sionnach 21:22, 16 an t-Sultain 2009 (UTC)

Am faod mi ga dheànamh?

A bheil thu ag iarraidh template mu na roinnean cuideachd? --Sionnach 21:11, 16 an t-Sultain 2009 (UTC)

Chuir mi post-dealain thugad, bhiodh e math ma bhios tu a' coimhead air. --Sionnach 19:54, 16 an t-Sultain 2009 (UTC)

Tha mi duilch co-dhiù,

Cha do choileannaich mi an gnothach!

Hi, fuirich mionaid, mar e do toil e. Tha mi dìreach feuchainn an Template:Cinn-suidhe Choloimbia a chuir air doigh! --Sionnach 19:34, 16 an t-Sultain 2009 (UTC)

Halò a-rithist a Shionaich!

Dè do bheachd air an eadar-theangachadh sin? Fhuair mi am facal reacòrd bhon Stòr-data aig SMO.

• Record high àirde reacòrd • Average high àirde mheadhanach • Average low ìsle mheadhanach • Record low ìsle reacòrd


Mòran taing, chuir mi iad an agus dh'obraich e. --Sionnach 19:16, 7 an t-Sultain 2009 (UTC)


Halò,
rinn mi e, faic air a' Phrìomh-Dhuilleag :-) Tha mi an dòchas gu bheil e a' cordadh riut. Tha mi duilich nach robh uine gu leòr agam a bhith a' coimhead an-dèidh an template:weather, ni mi sin, ma bhios beagan uine agam, tha mi fada ro thrang anns an "Real Life" an-dràsta. Beannachdan --Sionnach 21:06, 6 an t-Sultain 2009 (UTC)


Glè mhath!
Templates: Tha iad glè dhoirbh (na mo bheachd-sa co-dhiù :-)) Mar si trice bidh mi a' goid na pìosan beaga bho Templates eile agus gan cur ri chèile air fo-dhuilleig agam-sa, gus am bi iad ag obrachadh ceart. A bheil thu ag iarraidh Template sònraichte? Airson tòiseach tòiseachaidh, faic an seo A quick guide to templates --Sionnach 21:08, 3 an t-Sultain 2009 (UTC)


Halò a-rithist!

Bidh greiseag bheag agam a-màireach airson na facalan seo a dh'eadar-theagachadh. Ciamar a nì thu na templates?

Allmhurach

Halò Allmhurach
Is math sin. Cuiridh mi Medellìn air a' Phrìomh-Dhuilleag aig deireadh na seachdaine. Ach an tòiseach bu toil leam feuchainn an Template:Infobox Weather eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Thòisich mi an seo agus an seo, ach chan eil mi cinnteach idir mu na faclan ceart. A bheil fios agad dè na faclan Ghàidhlig a tha air:

  • Record high
  • Average high
  • Average low
  • Record low ? (Faclan goirid!)

Bhiodh sin sgoinneil, ma bhios beachd agad-sa, dìreach sgrìobh iad sìos an seo.
Is dòcha gum bi mi a' cleachdadh Rafael Reyes anns a' bhocsa bheag uaireannan, 's e aiste math a th' ann cuideachd. Tha mi a' faicinn gu bheil thu a' fàs nas fheàrr le dòigh Wikipedia, cum ort mar seo. Le beannachdan --Sionnach 19:12, 3 an t-Sultain 2009 (UTC)


Hàlo A Sionaich!

Abair deagh smuain! Tha mi faisg air na ceanglaichean a cheartachadh gu math agus le sin tha mi cinnteach gum biodh sin deagh cheum air adhart. A bharrachd air sin, tha mi dìreacj air dhuilleag a sgrìobhadh mu Rafael Reyes, a bha na cheann-shuidhe ann an Coloimbia eadar 1904 agus 1909.

Mar sin leat!

Hi Allmhurach,
Cheartaich mi eachdraidh Medellín an-diugh, abair obair a bha seo. Ach co-dhiù, tha a h-uile rud ceart gu leòr a-nis.
Ach tha beachd eile agam: Bu toil leam an aiste a' cur air a' Phrìomh-Dhuilleag anns a' bocsa "Artagail taghta" air sgàth 's gur e artagal fiòr-mhath a th' ann. Dè do bheachd? Le dùrachdan --Sionnach 19:09, 26 an Lùnastal 2009 (UTC)

PS: Tha mi duilich ach bhiodh e math nan chuireadh tu fhèin na interwikis agus na categories ris na h-aistean agad-sa, chuir mi dà uairean a thìde seachad le sin an àite a bhith a' sgrìobhadh aistean ùra eile. Mòran taing.


Hi Allmhurach,
Chunnaic mi gun do rinn thu eadar-theangachadh bho wikipedia Spàinnteach. Tha mi cinnteach nach eil fios agad mu riagailtean copy and paste. Tha deasbaid a' dol ann an seo agus chan eil e ceadaichte dìreach copy and paste a dhèanamh bho Wikipedias eile nas motha. Tha an cuspair leis na licenses rud beag doirbh. Sgrìobhaidh mi tuilleadh mu a dheidhinn a dh'aithgearr. Airson toiseachadh bhiodh e math nan sgrìobhadh tu anns a'ghearr-cunntais: a' tarraing bho Wikipedia Spàinnteach (ainm na h-aiste ann an Wikipedia eile ), faic: http: (cuir an URL an seo) ma bhios tu eadar-theangachadh ùr a' dèanamh.(Na gabh Dragh mun aiste Medellín, tha thu ùr an seo agus tha mi ga ceartachadh a-rèir na riagailtean an dràsta).

Rudeigin eile: Seo far a bheil na categories a' toiseachadh: Category:Bunaiteach. Cuir category freagarach ris na aistean agad mar seo: [[Category:Daoine]] An dèidh sin cuir na interwikis ris mar a rinn thu ann an Forbes. 'S e aiste ghoirid mhath a th' innte. Agus an rud mu dheireadh, cleachd an "Nochd roi-shealladh" nas trice, faic an seo: Show preview.

Uill, sin e bhuam-sa an-dràsta. Tha fios agam gu bheil e rud beag doirbh ma bhios tu a' toiseachadh air Wikipedia ach na callaibh misneachd, tha thu a' dèanamh glè mhath. Le deagh dhùrachadhan --Sionnach 06:21, 20 an Lùnastal 2009 (UTC)



Tapadh leat!

Bidh mi ag obair air an duilleag seo ans na làithean ris teachdail, airson na ceanglaichean a leadachadh agus na cuspairean a tha na bhrionn a dheànamh nas dhomhainne.

Allmhurach

Halo a-rithist!
Is math a rinn thu! Abair obair! Is dòcha gum bi mi a' coimhead air an aiste a-rithist a-màireach (a thaobh templates agus stuth mar seo) mura eil mi cho sgìth:-) Le dùrachdan --Sionnach 23:05, 17 an Lùnastal 2009 (UTC)


Halò a Shionaich!

Tapadh leatsa airson an deagh fhàilte a chuir thusa orm. Tha mi dìreach aig toiseach toiseachaidh an gnothaich air wikipwedia. Tagh mi an duilleag mu dheidheinn Medellín a dh'eadar-theagachadh o chionns gu bheil ceanglaichean làidir agam ri Colombia agus a' Ghleann Aburrá. Tha tòrr cheistean agam air ciamar a dh'obaireas mi nas fhèarr am prògram seo. Mar eiseimplear: Ciamar am faod mi dealbh a rinn mi fhìn a chur ann an duilleag? Càite a lorgas mi na templates? Dè tha nowiki a' ciallachadh?

Tapadh leat!

Allmhurach


Halò Allmhurach,
is math a bhith a' cluinntinn bhuat.
Cha robh mi cinnteach idir cia mheud fiosrachadh a th' agad mu Wikipedia. Uill, is dòcha gu bheil an Tutorial feumail dhut. Ged a tha e ann an Wiki Beurla tha e math airson toiseach toiseachadh. (Uaireannan tha cus ann no rudan nach eil freagarrach airson Wiki Gàidhlig, ach gheibh thu mìneachadh nas mionaideach). An seo chan eil mòran duilleagan chuideachaidh ann ach Wikipedia:Fàilte, a dhaoine ùra agus Cuideachadh air do làimh chlì. Ach na gabh dragh ma bhios tu a' dèanamh mearachd, fàsaidh tu cleachdte ris a' phrògram seo ann an uine nach bi fada.

  1. Dealbhan: 'S uarrainn dhut dealbhan a chur ris Wikipedia leis an inneal "Cuir ri fhaidhle" air do làimh chlì. Ann an "Destination filename" sgrìobh rudeigin mar: Sealladh_air_Medellín.jpg no an "tpye" eile. Ann an "Summary" sgrìobh an "License" a tha thu ag iarraidh agus is dòcha rud beag mun dealbh. Agus an uair sin buail air "Upload file". (Faic cuideachd: Uploading images). Tha na Licenses rud beag doirbh, airson dealbhan a rinn mi fhìn cuiridh mi {{PD-self}} ann, (Faic an seo:PD-self), 's e an license as fhasa, agus tha mi coma ma bhios cuideigin eile a' cleachdadh na dealbhan agam-sa.
  2. Templates: Tha na Templates stèidhichte ann an gach Wikipedia fhèin, mar sin chan eil na templates à Wiki Beurla ag obrachadh an seo. Tha na Templates an seo: Category:Teamplaid, ach feumaidh mi ràdh nach eil a h-uile dhiubh ag obrachadh ceart. Ma thogras tu, bheiridh mi sùil air an aiste agad agus ceartaichidh mi iad.
  3. nowiki: An-dràsta tha an aiste agad ann an seòrsa àite prìobhaideach gus am bi thu deiseil leis an eadar-theangachadh. Mar sin chuir mi na nowikis ann agus le sin nach urrainn do na "bots", prògraman eile, an aiste a lorg. Anns na "subpages" chan fhaodar ceanglaichean eadar-wikis a chleachdadh. (Faic cuideachd: Nowiki agus User subpage)

Tha mi an dòchas gu bheil am mìneachadh soilleir gu leòr, mura bi, cuir fios thugam. Le deagh dhùrachdan --Sionnach 19:07, 15 an Lùnastal 2009 (UTC) PS: Tha e inntinneach rudeigin mu Cholombia a leughadh 'sa Gàidhlig :-)



Halò Allmhurach, fàilte an seo!
Chunnaic mi gu bheil thu ùr ann an Wikipedia na Gàidhlig. Agus thòisich thu le pròiseact mòr: Medellín. Am bi thu ga eadar-theangachadh gu lèir?

Chan eil mi cinnteach, ach is dòcha gu bheil e nas fheàrr an aiste a ghluasad gu àite agad fhèin (mar eisimpleir: User:Allmhurach/Medellín) airson sin a dhèanamh. Uaireannan thèid aistean le cus Beurla a dhubhach às agus cha toil leam nam biodh sin a’ tachairt dhut.


Chuir mi bocsa fiosrachaidh beag ris an aiste, chan eil na Templates Beurla ag obrachadh an seo.

Co-dhiù, ma bhios ceist sam bith agad, gu h-àraidh mu stuth teicneòlach ann an Wikipedia, dìreach sgrìobh sin sìos an seo no air an duilleig deasbaireachd agam-sa: User talk:Sionnach.

Le deagh dhùrachdan --Sionnach 08:03, 2 an Lùnastal 2009 (UTC)

Chuir mi na faclan: "<nowiki>...."</nowiki> aig deireadh na h-aiste. (stuth teicneòlach) Na cuir iad air falbh gus am bi an aiste deiseil, mas e do toil e. Abair obair a tha thu a' dèanamh! Le dùrachdan --Sionnach 05:00, 3 an Lùnastal 2009 (UTC)
Hi Allmhurach, 's e deagh obair a tha thu a' dèanamh!
Dìreach puing bheag: Na dèan "copy is paste", mas e do thoil e. Ma bhios tu deiseil leis an aiste agad, 's urrainn dhut an aiste gu lèir (le eachdraidh na duilleage) a ghluasad gu "Medellín" leis an inneal "gluais" aig ceann na duilleige. (Airson barrachd fiosrachaidh, faic an seo). No cuir fios thugam agus nì mi fhìn e. Le deagh dhùrachdan --Sionnach 15:28, 14 an Lùnastal 2009 (UTC)
PS. Chan fhaod tu a h-uile rud eadar-theangachadh, ma bhios pìos ann nach eil thu ag iarraidh, cuir air falbh e. Agus cuir na ceanglaichean dearg nach eil dhith ort air falbh cuideachd. Bidh sin ceart gu leòr.

Hi Allmhurach! Fàilte bhuamsa cuideachd. Abair obair mhòr a tha thu a' dèanamh. Tha e a' coimhead glè mhath. Meal do naidheachd! A bheil e ceart gu leòr ma thèid mi tro na h-aistean agad nuair a bhios tu deiseil gus coimhead air an litreachadh? A bheil fhios agad gun urrainn dhut ro-shealladh fhaicinn de na tha thu a' sgrìobhadh mus sàbhail thu e? Is dòcha gum bioidh sin gad chuideachadh fhaicinn ciamar a tha cùisean a' coimhead agus chan fheumadh tu an sàbhaileadh gach mionaid. Bhiodh sin a' fàgail beagan rùm anns an liosta muthaidhean ùra do dh'artagalan eile, agus le sin ga dhèanamh na b' fhasa faicinn dè thachair ton làtha. Cum ort! Tha e math gu bheil cuideigin ùr cho dìcheallach againn.--Each-uisge 15:58, 20 an Lùnastal 2009 (UTC)

Please, could you translate en:Podolsk into Gàidhlig? Naturally if you have available time![deasaich an tùs]

Good day to you! Could you, please, translate into Gàidhlig the article, containing two-three sentences, about this city in Russia? I’d like to thank you in advance :)--Переход Артур 18:12, 16 dhen Ghearrain 2011 (UTC)

OK! Can it wait til the weekend?

Sorry, just did it, see Podolsk. --Sionnach 21:12, 16 dhen Ghearrain 2011 (UTC)
Thank you very much! If you need any support in Russian Wikipedia (e.g. translation of the article in Russian), please, address me here ^_^ --Переход Артур 21:36, 16 dhen Ghearrain 2011 (UTC)

Halo Allmhurach! Please excuse my writing in English. My ability with Gaelic doesn't yet match my enthousiasm. I rustled together a little page on Königsberg, as it came up as a dead link from the front page (which never looks good,) but came across one or two problems in the process of doing so.

i) There doesn't seem to be an easy way to resize the town flags.
ii) Gearradh-arm appears as a dead link in hundreds of articles. For sake of completeness it would be great to have a native speaker put together even a nominal page with this title.
iii) Similarly Dlùths.

Love your work on Columbia. 'S e gle 'Borgian'! Tlön Mòran taing! Daibhidh mac Uisdean 20:29, 9 dhen Mhàrt 2011 (UTC)[reply]

Chemical elements[deasaich an tùs]

Hi, Allmhurach.

Do you have any references about the chemical elements in Scottish Gaelic? Malafaya 17:22, 24 dhen t-Samhain 2011 (UTC)[reply]

Halò Malafaya,

Coimhead air an làraich lìn seo:

[1]

Thanks! The English Wiktionary says lead is luaidhe, but your link says luaidh. Do you know which one is right? Malafaya 17:47, 24 dhen t-Samhain 2011 (UTC)[reply]


I think luaidhe would be best.

Result: pt:wikt:luaidhe. Thanks, Malafaya 18:40, 24 dhen t-Samhain 2011 (UTC)[reply]

Ainmean is sloinnidhean[deasaich an tùs]

Halò a charaid, tha deasbad a' dol an-dràsta ann an Talla a' Bhaile airson poileasaidh a chruthachadh mu dheidhinn an ìre dham bu chòir dhuinn ainmean is sloinnidhean cèine eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig. On a tha thu nad fhear de na prìomh luchd-deasachaidh an seo, bhiodh e math do bheachd a chluinntinn ma tha ùidh agad. Tìoraidh, --Thrissel 21:05, 11 dhen Ghearrain 2012 (UTC)

Hiya, chì mi gu bheil thu cur Category:Bailtean ri iomadh duilleag ach cha chreid mi gur e sin an dòigh as fhearr leis an fheadhainn a tha am broinn Category:Prìomh-bhailtean mu thràth, bidh iad (no bu chòir dhaibh) ann an Category:Bailtean gu nàdarra mar sin. Akerbeltz 21:29, 17 dhen Ghearrain 2012 (UTC)

Docamaideadh[deasaich an tùs]

Ciamar a chanas sibh na leanas ann an Gàdhlig?

"Template documentation
"Editors can experiment in this template's sandbox (create) and testcases (create) pages. Please add categories and interwikis to the /doc subpage. Subpages of this template." Sioraf (talk) 15:58, 5 dhen Ghiblean 2013 (UTC)[reply]

Docamaideadh mun teamplaid 'S urrainn do dheasaichean rudan fheuchainn ann am bogsa-gainmhich (cruthaich) agus air duilleagan deuchainnean (cruthaich) na teamplaid seo. Cuir roinnean-seòrsa agus eadar-uicipeidean ris an fho-dhuilleag /doc. Fo-dhuilleagan na teamplaid seo.

Akerbeltz (talk) 19:54, 7 dhen Ghiblean 2013 (UTC)[reply]

Aon ceist[deasaich an tùs]

Carson a bheil an facal REDIRECT ann an Beurla ann an Uicipeid Gaidhlig? A bheil thu ceid eadar-theangachadh ann an translatewiki.net? Sioraf (talk) 11:20, 20 dhen Ghiblean 2013 (UTC)[reply]

Message left[deasaich an tùs]

Hi. Can you take a look at a message left here, please. Llywelyn2000 (talk) 17:43, 22 dhen Ghiblean 2013 (UTC)[reply]

There's a discussion on this issue at Wikimedia UK's Water Cooler. Buidheachas! Llywelyn2000 (talk) 08:03, 23 dhen Ghiblean 2013 (UTC)[reply]

Ceanglaichean dha cànanan eile[deasaich an tùs]

Halò a charaid, chan leig thu leas ceanglaichean mar [[en:Helsingborg]], [[es:Helsingborg]], [[fr:Helsingborg]] amsaa a chur ri aistean ùra tuilleadh. Nuair a thèid thu dha Uici eile agus a phutas thu "Edit links" ("Editar los enlaces", "Modifier les liens" amsaa) aig bàs panail nan cànanan, gheibh thu dhan duilleag san Wikidata, agus faodaidh thu an aiste a chur rithese. Mar sin, nochdaidh an ceangal Uici Ghàidhlig an ceann greise aig a h-uile aiste anns na cànanan eile, agus na ceanglaichean eile uile san Uici seo. --Thrissel (talk) 16:46, 28 dhen Ghiblean 2013 (UTC)[reply]

Hello, Bha mi a' leughadh aiste no dhà a sgrìobh thu agus mhothaich mi gu bheil thu a' sgrìobhadh 6mh mar 'siamh'. 'S e 'siathamh' a chì mar as àbhaist ged-tà. Am b'fhearr leat 'siamh'? Thisissusanbell (talk) 22:04, 2 dhen Chèitean 2013 (UTC)[reply]

Aide a traduire[deasaich an tùs]

Bonjour, j'ai vu que tu connaisser le francais et je voulais te demander si tu pouvais traduire l'article d'un sculpteur algerien depuis le francais fr:Rachid Mouffouk, merci d'avonce--Vikoula5 (an deasbaireachd) 12:26, 15 dhen Fhaoilleach 2015 (UTC)[reply]

Mòran taing airson leasachadh an aiste "Aachen"! 'S toil mhòr leam seo. Ach chan eil mi a' dol leat gu léir mun ainm. 'S e "Oche" an t-ainm "platt" air Aachen. Tha mi eòlach oir bhruidhinn mo sheanair "Öcher Platt" (an cànan ann an Aachen) rium. Chan aithne dhomh "Aken" ann an "Öcher Platt". Tha Albannaich agus Sasannaich ag ainmeachadh Aachen "Aix-la-Chapelle" cuideachd. --Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 09:36, 14 dhen Ghearrain 2015 (UTC)

Mòran taing airson an fhiosrachaidh seo! Cha chreid mi nach eil thu ceart!

Translating the interface in your language, we need your help[deasaich an tùs]

Hello Allmhurach, thanks for working on this wiki in your language. We updated the list of priority translations and I write you to let you know. The language used by this wiki (or by you in your preferences) needs about 100 translations or less in the priority list. You're almost done!
Gus eadar-theangachadh atharrachadh no a chur ris airson gach uicidh, cleachd translatewiki.net, am pròiseact eadar-theangachaidh aig MediaWiki.

Please register on translatewiki.net if you didn't yet and then help complete priority translations (make sure to select your language in the language selector). With a couple hours' work or less, you can make sure that nearly all visitors see the wiki interface fully translated. Nemo 14:06, 26 dhen Ghiblean 2015 (UTC)[reply]

Pàpa Beinidict XIII[deasaich an tùs]

Am beir sibh sùil air Pàpa Beinidict XIII. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an latha bàis 21 an Gearran. --Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 06:53, 23 dhen t-Sultain 2015 (UTC) Sùilich mi sin a-nis.[reply]

Could you help with this ^^^ article? Thanks. -XQV- (an deasbaireachd) 21:20, 17 dhen Fhaoilleach 2016 (UTC)[reply]

Miguel Abadía Méndez[deasaich an tùs]

Halò Allmhurach, tha dà latha bàis aig Miguel Abadía Méndez (anns na Uicipeidean eile cuideachd). A bheil fios agaibh, dè an latha ceart? Chan eil tùsan (agus Spàinntis gu leòr) agam fhìn. Tapadh leibh. --Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 07:23, 7 dhen Ghearrain 2016 (UTC)

List of Welsh people[deasaich an tùs]

I wonder if you could / would like to help me do a few translations / changes to the Cleachdaiche:Llywelyn2000/List of Welsh people I've just created? First of all it is based on Wikidata, so please dont change the Wikipedia list. We do however need to translate one or two sentences which generate the list: [[Teamplaid:Wikidata list end]] and [[Teamplaid:Wikidata list]].

Lastly, can you please translate these words:

image/ìomhaigh
name/ainm
description/tuairisgeul
date of birth/ceann-latha breithe
date of death/ceann-latha bàis
birth place/àite breithe
This list is generated from data in Wikidata and is periodically updated by a bot/Tha an liosta seo air a chruthachadh le dàta à Uicipeid is bithear ga ùrachadh gu cunbhalach le bot
Edits made within the list area will be removed on the next update!/Sguirear atharraidhean air an deànamh san sgìre-liosta tron ath ùrachadh
Manually update/ùraich a làimh
Find images/Lorg ìomhaighean

I'm sure there will be a bit of tweeking, but in general, once we've got this one done and on mainspace, nothing stops you from creating other lists based on Wikidata. Many thanks, and please leave a message if I can help further. Llywelyn2000 (an deasbaireachd) 23:32, 10 dhen Ghearrain 2016 (UTC)

Cha ann na fhaclair a tha ann an Uicipeid[deasaich an tùs]

Haidh Allmhurach,

An do leugh thu Deasbaireachd:Bràthair mus do chruthaich thu Piuthar? Chan eil mi cinnteach cuideachd mun iomradh. Carson an t-iomradh seo? Chan eil thu a' beachdachadh air chuspair an iomraidh anns an aiste.--CreagNamBathais (an deasbaireachd) 08:06, 14 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)[reply]

A charaid,

Thathas a' beachdachadh air 'sandbox' a chur an gnìomh air an Uici. Chì thu an seo am fear a th' agam air Uici na Beurla.

Ma tha thu toilichte gun tèid 'sandbox' a chur an gnìomh, nach cuir thu d' ainm sìos air a' bhòt an seo.

Cuideachd, an dèan thu bhòt airson ainm Gàidhlig a chur air 'sandbox' as dèidh an deasbaid an seo.

Airson d' ainm a chur sìos, cuir rionnag (*) agus ceithir tilde (Emain Macha (an deasbaireachd) 15:07, 18 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)) a-steach agus chithear d' ainm agus stampa-tìde 'na àite an uairsin. Dùinidh am bhòtadh Dihaoine.[reply]

Mòran taing, Emain Macha (an deasbaireachd) 15:07, 18 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]

Hello.

Could you create the article of the prominent Turkish-Jewish economist Dani Rodrik in Gaelic Wikipedia?

Thank you.

31.200.15.50 01:42, 20 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]

Poileataigs ann am bailtean D&G[deasaich an tùs]

Halò,

  1. Tha an ceangal seo: http://www.lgbc-scotland.gov.uk/maps/4thelectoral/dumgal/dumgalindex.asp briste, agus cha tug sibh tùsan (no ceann-là!) airson toraidhean an uàrd 1.
  2. Tha e glè dhoirbh aistean a cheartachadh agus ùrachadh nuair a tha sibh a' cleachdadh "dèan lethbhreac is cuir ann". An urrainn dhuibh aiste ùr mu uàrd 1 a chruthachadh?

Le meas, Colin.

You are invited![deasaich an tùs]

You are invited...

The Celtic Knot: Wikipedia Language Conference - Programme now live.

  • Hosts: The University of Edinburgh and w:Wikimedia UK
  • Supporting: Celtic & Indigenous Languages.
  • Objective: The main objective for Celtic Knot 2017 is the coming together of practitioners in the same room at same time; strengthening the bonds of those working to support language communities into a 'knot' and leading into action. Attendees can expect to learn about and discuss innovative approaches to open education, open knowledge and open data that support and grow language communities.
  • Date: 6 July 2017 - Booking is now open.

Stinglehammer (an deasbaireachd) 23:52, 16 dhen Chèitean 2017 (UTC)[reply]

Teamplaid neach-ciùil/ceòladair[deasaich an tùs]

Haidh Allmhurach, Chunnaic mi gun do chruthaich thu teamplaid ùr Neach-ciùil. Tha Teamplaid:Ceòladair ann mar-thà. Saoil an toireadh tu sùil orra feuch an cum sinn fear agus gun cur sinn às don fhear eile? Tapadh leat! --Susan.nls (an deasbaireachd) 10:30, 22 dhen Chèitean 2017 (UTC)[reply]

Mòran taingSusan.nls. Chan fhaca mi e.

Bogsa eachdraidh-bheatha[deasaich an tùs]

Hi Allmhuraich, toilichte gu bheil am bogsa a' còrdadh riut ach saoil an till thu far an do chuir thu a-steach e airson rudan mar chòmhlain-chiùil? Chan eil e iomchaidh airson sin - bidh bogsa sònraichte againn airson rudan mar sin latha dhe na làithean ach san eadar-àm, feuch nach cleachd thu e ach airson daoine? :) Mòran taing Akerbeltz (an deasbaireachd) 22:52, 20 dhen Iuchar 2017 (UTC)[reply]

Math dha-rìreabh!
Rud eile, dh'iarr mi air daoine air Uicipeid:Doras_na_coimhearsnachd#An_teamplaid_.C3.B9r_Bogsa_eachdraidh-bheatha a bhith 'gan cur ris beag air bheag oir tha mòran Beurla a' nochdadh fhathast sna bogsaichean. Tha mi deònach an obair eadar-theangachaidh a dhèanamh air WikiData ach chan urrainn dhomh sin a' dhèanamh ma bhios na ceudan ann gach latha. Feuch nach cuir thu an sàs barrachd air, can, còig, gach latha aig an ìre-sa? Bhithinn fada 'nad chomain gu dearbh! Akerbeltz (an deasbaireachd) 11:05, 21 dhen Iuchar 2017 (UTC)[reply]
Hiya, duilich mun revert ud, chan eil mi airson edit war a thòiseachadh ach tha mi airson nas lugha a duplication am measg nan roinnean-seòrsa. Ma leanas tu Daoine à Impireachd nan Otomanach, ruigidh tu An Tuirc aig a' cheann thall ([2]) ach chan eil e iomchaidh daoine a chur ann an dùthchannan nach robh am bith aig an àm sinn. Ma bheir thu sùil aig bonn [3] chì thu cuideachd nach eil An Tuirc ann. Dè do bheachd? Akerbeltz (an deasbaireachd) 18:51, 31 dhen Iuchar 2017 (UTC)[reply]

Universal Code of Conduct[deasaich an tùs]

Hi Allmhurach

I was asked by Wikimedia Foundation to promote this call for participation on the planned Universal Code of Conduct.

Best regards --Holder (an deasbaireachd) 04:26, 14 dhen Lùnastal 2020 (UTC)[reply]

At times, our contributor communities and projects have suffered from a lack of guidelines that can help us together create an environment where free knowledge can be shared safely without fear.

There has been talk about the need for a global set of conduct rules in different communities over time. Recently, Wikimedia Foundation Board of Trustees announced a Community Culture Statement, asking for new standards to address harassment and promote inclusivity across projects. [4]

The universal code of conduct will be a binding minimum set of standards across all Wikimedia projects, and will apply to all of us, staff and volunteers alike, all around the globe.. It is of great importance that we all participate in expressing our opinions and thoughts about UCoC and its values. We should think about what we want it to cover or include and what it shouldn’t include, and how it may create difficulties or help our groups.

This is the time to talk about it. Before starting drafting the code of conduct, we would like to hear from you and to solicit the opinions and feedback of your colleagues.

In order for your voice to be heard, we encourage and invite you to read more about the universal code of conduct (UCoC) [5] and then write down your opinions or feedback on the discussion page [6]. To reduce language barriers during the process, you are welcomed to translate the universal code of conduct english main page into your respective local language [7]. You and your community may choose to provide your opinions/feedback using your local languages.

Boca Juniors (gd)[deasaich an tùs]

hi, i created this page but i can't connect to other languages. you can do it ?--Tom Ravensburger (an deasbaireachd) 00:38, 9 dhen Fhaoilleach 2021 (UTC)[reply]

Stefania Turkewich[deasaich an tùs]

Hello Allmhurach, When you have some time, can you take a look in my sandbox: Cleachdaiche:Nicola Mitchell/sandbox? Stefania Turkewich was the first woman composer of classical music in Ukraine. I did this article from the English: en: Stefania Turkewich. You worked on the Lesya Ukrainka article, and Stefania used Lesya's poem/drama Forest Song for her opera Mavka. Can you bring Stefania's article up to Wikipedia standards, and create it in the Scottish Gaelic language Wikipedia? Thank you. Nicola Mitchell (an deasbaireachd) 19:08, 7 dhen Chèitean 2022 (UTC)[reply]

Could you add to the new page about Liv and Maddie? I would also like a page for the lead actress in the series — Dove Cameron. She stars in both the lead roles. 2600:1700:53F1:5560:3905:78F8:2562:2C34 17:44, 5 dhen Iuchar 2022 (UTC)[reply]

It's been a day and I haven't heard a response. Do these articles not interest you? 2600:1700:53F1:5560:3905:78F8:2562:2C34 17:49, 6 dhen Iuchar 2022 (UTC)[reply]