Francisco Javier Zaldúa
Francisco Javier Zaldúa | |||||
---|---|---|---|---|---|
1878 - 1878 ← Eustorgio Salgar - Salvador Camacho (en) →
1 dhen Ghiblean 1882 - 21 dhen Dùbhlachd 1882 ← Rafael Núñez Moledo - Clímaco Calderón → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Bogotá, 3 dhen Dùbhlachd 1811 | ||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Bàs | Bogotá, 21 dhen Dùbhlachd 1882 | ||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||
Foghlam | |||||
Cànain | Spàinntis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-lagha agus neach-poileataigs | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
B' e Francisco Javier Martínez de Zaldúa y Racines fear-lagha agus neach-poileataigs à Coloimbia,[1] a rugadh ann am Bogotá, 3 an Dùbhlachd 1811, agus chaochail esan an siud fhèin 21 an Dùbhlachd 1882. An dèidh bheatha fhada anns a' phoileataigs am broinn a' Phàrtaidh Libearalach, chaidh Zaldúa a thaghadh mar Cheann-suidhe na dùthcha airson an teirm 1882 - 1884. Bhàsaich e an ceann 8 mìos san dreuchd.[2][3]
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Nuair a nach robh e ach balach beag chunnaic e gun do chuir iad gu bàs athair air sàilleabh a taic a thug esan do Antonio Nariño, ann an 1816. A dh’aindeoin sin, b’ urrainn dhàsan a chuid fhoghlaim fhaighinn aig an sgoil San Bartolomé le taic bho shagart a bha ne Deagh charaid an teaghlaich, is rinneadh uabhasach math aig an sgoil agus an uair sin fhuair e ceum ann am lagh ann an (1836), Chaidh e a dh’ainmeachadh leas Reachdadair na Sgoile fiù ’s mus tug e ceum, leis cho tàlantach a bha e taobh sgoilearachd. Bha e gu math cliùiteach fad iomadh bhliadhna air sgàth an sàr oideachaidh a rinneadh e is e os cionn roinn an Lagha (Lagh na h-Eaglaise agus Lagh na Rìoghachd), a bharrachd air a chuid obrach laghail aig Taigh na Cùirte anns a’ bhaile La Palma ann an Cundinamarca, gus an do dh’fhàs e a bha na bhreitheamh aig Àrd Cùirt a’ Cheartais. Aig an aon àm, bha e an sàs anns an gnothach mar ball phàrlamaid, bho 1837 gu ruige 1849, far an do riochdachadh e prìomh-bhaile na dùthcha le taic bhon A’ Phàrtaidh Libearalach. Leig e a dreuchd anns a’ Mhòr-dhàil airson a bhith na Rùnaire (ministear) ann Riaghaltais fon cheann-suidhe José Hilario López, ach cha do mhair e ach bliadhna san dreuchd, mus do thill e chun a’ Phàrlamaid.
Riochdaich e Cundinamarca aig a’ Cho-Chruinneachadh dhe Rionegro ann an 1863, a dh’ath leasaich Bun-Reachd na dùthcha. Cha robh e cho ainmeil anns a’ phoileataigs aig ìre nàiseanta fad 15 bliadhna, leis gu robh e an sàs mar Sheanadair airson Cundinamarca, agus oide an Oilthigh, far an do chuir e seachad ùine a bhith na Reachdadair Oilthigh Nàiseanta Colombia. Dh’fhàs e beagan na bu chudromaiche nuair a dh’ainmich an ceann-suidhe Julián Trujillo e mar Rùnaire na Dùthchannan Cèin, far an robh gu ruige 1878.
Ceann-suidhe na Dùthcha
[deasaich | deasaich an tùs]Bha am Pàrtaidh aige ga sgaradh aig àm a’ Thaghaidh ann an 1882, eadar na Raidigich agus na daoine aig Rafael Núñez (Spàinntis: nuñistas). Chaidh esan a mholadh mar thagraiche an aonaidh, leis gur e seann bhall-pàrlamaid le deagh chliù a bh’ann. Fhuair e fiù ’s taic nan Tòraidh.
Thoisich an Riaghaltas aige 1 an Giblean 1882 agus gheall e na Libearalaich a dh’aonachadh air fad a-rithist agus còrdadh na sìthe maireannach a dhèanamh leis na Tòraidhean. Ach thug na daoine aig an t-seann cheann-suidhe Núñez, is iad a’ mhòr-chuid anns a’ Chòmhdhail, an cuid taic air falbh, leis gun do mhothaich iad gun robh Zaldúa airson a bhith gu math neo-eisimeileach taobh riaghladh na dùthcha, agus ghairm iad gum biodh iad nan dùbhlanaich dhàsan. Cha do rinn na luchd-dùbhlain ach ionnsaighean uabhasach pearsanta breugach an aghaidh ceann-suidhe na dùthcha. Chruthaich sin sàrachadh cruaidh agus chaill e tinn an ceann greiseag. Bhàsaich e dhe greim cridhe 21 an Dùbhlachd 1882.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)