Uicipeid:San latha an-diugh/Am Faoilleach
'S e foir-shealladh a th' ann. Airson nan duilleagan a dheasachadh thèid chun nan duilleagan fa-leth:
1 2 3 4 5 6 7 8 9 10 11 12 13 14 15 16 17 18 19 20 21 22 23 24 25 26 27 28 29 30 31 |
'S e 1 am Faoilleach a' chiad latha dhen bhliadhna.
- 630 – Chaidh Muhammad le arm gus Mèca a cheannsaich.
- 1766 – Chaochail Rìgh Seumas VIII Alba agus III Shasainn, athair a' Phrionnsa Theàrlaich Eideird Stiùbhairt.
- 1817 – Chaochail Martin Heinrich Klaproth, ceimigear às a Ghearmailt.
- 1848 – Rugadh John Horne, clach-eòlaiche Breatannach.
- 1919 – Dol fodha an Iolaire.
- 1928 – Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, sgrìobhadair Albannach.
'S e 2 am Faoilleach an dàrna latha dhen bhliadhna.
- 1872 – Cuirear Brigham Young fo ghreim airson ioma-phòsadh. Bha 25 mnathan aige.
- 1905 – Rugadh Michael Tippett, co-ghleusaiche Sasannach (bàs: 1998)
- 1950 – Bha àireamh luchd-frithealaidh a b' àirde aig C.B. Hibernian an aghaidh C.B. Cridhe Mheadhan-Lodainn.
- 1972 – Rugadh Rodney MacDonald, neach-poileataics agus ceòladair Canadach.
'S e 3 am Faoilleach an treas latha dhen bhliadhna.
- 1883 – Rugadh Clement Attlee, prìomh-mhinistear Bhreatainn.
- 1956 – Rugadh Mel Gibson, actair Aimearaganach/Astràilianach.
- 1959 – Ghabhadh Alasca a-steach mar 49mh stàit de na Stàitean Aonaichte.
- 1959 – Chaochail Edwin Muir, sgrìobhadair is eadar-theangaiche Albannach agus cuideachd na ollamh ann an Oilthigh Harvard.
- 1962 – Rugadh Gavin Hastings, cluicheadair rugbaidh.
'S e 4 am Faoilleach an ceathramh latha dhen bhliadhna.
- 1643 – Rugadh Isaac Newton, neach-feallsanachd nàdar agus matamataig Sasannach.
- 1792 – Rugadh Johan August Arfwedson ann an Skagerholms bruk. Ceimigear às an t-Suain.
- 1896 – Inbhe stàite do dh'Utah.
- 1904 – Rugadh Murchadh MacMhathain no "Cailleach an Deucoin" ann an ceann a deas nan Loch air Eilean Leòdhais.
- 1960 – Chaochail Albert Camus, ann an Villeblevin. Sgrìobhadair às an Fhraing.
- 2011 – Chaochail Gerry Rafferty, seinneadair Albannach.
'S e 5 am Faoilleach an còigeamh latha dhen bhliadhna.
- 1846 – Rugadh Rudolf Christoph Eucken, sgrìobhadair Gearmailteach.
- 1930 – Rugadh Buzz Aldrin, speuradair Aimeireaganach.
- 1938 – Rugadh Juan Carlos Alfonso Víctor María de Borbón y Borbón-Dos Sicilias, Rìgh na Spàinne.
- 1975 – Rugadh Bradley Cooper, cleasaiche à Philadelphia.
- 1981 – Chaochail Harold Clayton Urey ann an Walkerton, Indiana. Ceimigear a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1934.
'S e 6 am Faoilleach an siathamh latha dhen bhliadhna.
- Tha an ceann-latha a' ciallachadh "Nollaig bheag" ann an Èirinn.
- 1759 – Phòs George Washington a’ bhanntrach Martha Dandridge Custis.
- 1872 – Chaochail Manuel María Mallarino ann am Bogotá. Fear-poileataigs à Coloimbia.
- 1912 – Inbhe stàite do Mheagsago Nuadh.
'S e 7 am Faoilleach an seachdamh latha dhen bhliadhna.
- 1502 – Rugadh Ugo Boncompagni, ann am Bologna. Pàp bho 1572 gu ruige 1585.
- 1566 – Taghadh Phàpa Pius V, ann an Cathair na Bhatacain.
- 1655 – Chaochail Giovanni Battista Pamphilj, san Ròimh.
- 1610 – 'S e Galileo Galilei a' chiad duine a lorg ceithir de na gealaich aig Iupatair.
- 1742 – Chaochail Seumas Greumach, a' chiad Dhiùc a' Mhonaidh Roise, ann an Lunnainn.
- 1971 – Rugadh Jeremy Renner, actair Aimeireaganach.
'S e 8 am Faoilleach an t-ochdamh latha dhen bhliadhna.
- 1642 – Chaochail Galileo Galilei, ann am Firenze. Fear-saidheans às an Eadailt.
- 1787 – Rugadh Iain MacGilleEathain (Bàrd Thighearna Cholla), bàrd Ghàidhlig.
- 1823 – Rugadh Alfred Russel Wallace, neach-eòlas-nàdair, bith-eòlaiche, neach-cruinn-eòlas is neach-rannsachaidh às a' Chuimrigh.
- 1935 – Rugadh Elvis Presley, ann an Tupelo (Mississipi), seinneadair Aimeireaganach.
- 1997 – Chaochail Melvin Calvin ann am Berkeley (Calafòrnia). Ceimigear a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1961.
'S e 9 am Faoilleach an naoidheamh latha dhen bhliadhna.
- 1514 – Chaochail Anna na Breatainn Bheag.
- 1554 – Rugadh Alessandro Ludovisi, Pàp bho 1621 gu ruige 1623.
- 1788 – Inbhe stàite do Chonnecticut.
- 1885 – Chaochail Mariano Ospina Rodríguez, ann an Santa Marta. Fear-poileataigs]] à [[Coloimbia.
- 1944 – Rugadh Jimmy Page, cluicheadair giotàir aig Led Zeppelin.
- 1998 – Chaochail Kenichi Fukui, ann an Kyoto. Ceimigear.
'S e 10 am Faoilleach an deicheamh latha dhen bhliadhna.
- 1778 – Chaochail Carl Linnaeus, rannsachair bith-eòlas ann an Uppsala.
- 1880 – Rugadh Manuel Azaña Díaz, fear-poileataigs, ann an Alcalá de Henares.
- 1938 – Rugadh Donald Knuth, eòlaiche coimpiutair ann am Milwaukee.
- 1957 – Chaochail Gabriela Mistral, bàrd às an t-Sile.
- 1985 – Bhuannaich Claude Simon an Duais Nobel ann an Litreachas.
- 1997 – Rugadh Lord Alexander R. Todd, ceimigear, ann an Glaschu.
'S e 11 am Faoilleach an 11na latha dhen bhliadhna.
- 1815 – Rugadh Iain MacDhòmhnaill, ciad Prìomhair Chanada.
- 1934 – Rugadh Jean Chrétien, Prìomh-mhinistear Chanada.
- 1982 – Fhuair Cantàbria, aon de na mòr-roinnean na Spàinne, fèin-riaghlach.
- 2013 – Chaochail Robert Kee, craoladair mun Dàrna Cogadh is Èirinn.
'S e 12 am Faoilleach 12na latha dhen bhliadhna.
- 1998 – Cha do mhair Carlos Lemos Simmonds ach naoi latha (gu 24 am Faoilleach 1998) mar cheann-suidhe Choloimbia.
- 2010 – Crith-thalmhainn Haiti, dh'eug corr is 200,000 duine ann am Port-au-Prince.
- 1834 – Chaochail William Grenville, 1d Baran Grenville, Prìomh Mhinistear na Rìoghachd Aonaichte.
- 1916 – Rugadh P. W. Botha, fear-poileataigs à Afraga a Deas, ann am Paul Roux.
'S e 13 am Faoilleach an 13as latha dhen bhliadhna.
- 614 – Chaochail Naomh Mungan, pàtran-naomh Ghlaschu.
- 1830 – Fhuair a' Bheiniseala a chuid neo-eisimeileachd bho Choloimbia.
- 1960 – Eric Betzig, ann an Ann Arbor, Michigan, fiosagaiche a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2014 còmhla ri William Moerner is Stefan Hell.
'S e 14 am Faoilleach 14mh latha dhen bhliadhna.
- 1942 – Chaochail Porfirio Barba Jacob, ùghdair à Coloimbia. Bha e na trioblaid dha fad a bheatha, gun robh e gèidh.
- 1957 – Chaochail Humphrey Bogart, actair Aimeireaganach.
- 1977 – Chaochail Anthony Eden, Prìomh-mhinistear Bhreatainn.
- 2013 – Chaochail Conrad Bain, actair à Canada, ann an Liverbridge.
'S e 15 am Faoilleach an 15mh latha dhen bhliadhna.
- 1895 – Rugadh Artturi Ilmari Virtanen, ceimigear à Suòmaidh.
- 1918 – Rugadh Gamal Abdel Nasser, fear-poileataigs às an Èipheit.
- 1929 – Rugadh Martin Luther King, ann an Atlanta.
- 1947 – Rugadh Martin Chalfie, bith-eòlaiche, ann an Chicago.
- 1962 – Rugadh Coinneach Mac an Tòisich, neach-poileataigs Albannach.
- 1964 – Rugadh Jackie Baillie, tè-poileataigs à Alba, ann an Hong Cong.
'S e 16 am Faoilleach an 16mh latha dhen bhliadhna.
- 1862 – B’ fheudar dhà Leonardo Canal González a dhol na fhògarrach gu Pearù nuair a chaidh Còrdadh na Sìthe a dhearbhadh ann an Coloimbia leis an riaghaltas reubaltach.
- 1952 – Chaochail Knut Hamsun, ann an Grimstad. Sgrìobhadair à Nirribhidh.
- 1964 – Chaochail Fernando González, ùghdair agus feallsanaiche à Coloimbia.
'S e 17 am Faoilleach an 17mh latha dhen bhliadhna.
- 1504 – Rugadh Michele Ghiserli, ann am Bosco Marengo. Pàp bho 1566 gu ruige 1572.
- 1858 – Rugadh an sgrìobhadairTomás Carrasquilla ann am Medellín.
- 1863 – Rugadh David Lloyd George, prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte.
- 1883 – Rugadh Compton Mackenzie, ùghdar '"Whisky Galore".
- 1942 – Rugadh an dòrnaire Muhammed Ali ann an Louisville (Kentucky).
- 1957 – Rugadh Loreena McKennitt, ceòladair, ann am Morden (Manitoba).
'S e 18 am Faoilleach an 18mh latha dhen bhliadhna.
- 1535 – Chaidh Lima, phrìomh-bhaile Phearù, a stèidheachadh.
- 1898 – Fhuair Tulsa (Oklahoma) inbhe oifigeil.
- 1936 – Chaochail an sgrìobhadair Rudyard Kipling ann an Lunnainn.
- 1946 – Chaochail Pieter Stoop, peantair às na Tìrean Ìsle, ann am Breda.
- 1955 – Rugadh Kevin Costner, actair Aimeireaganach.
- 1982 – Chaochail Huang Sianfan, seanaiche às an t-Sìona.
'S e 19 am Faoilleach an 19mh latha dhen bhliadhna.
- 1736 – Rugadh James Watt, innleadair Albannach à Grianaig.
- 1912 – Rugadh Leonid Kantorovich, eaconamaiche às an Ruis.
- 1950 – Rugadh Rhona Brankin, BPA.
- 1969 – Chaochail Jan Palach, oileanach às an t-Seic-Slòbhac a dh'ìobair e fhèin mar fhianais phoileataigeach.
'S e 20 am Faoilleach am ficheadamh latha dhen bhliadhna.
- 1889 – Chaochail Bartolomé Calvo, fear-poileataigs, ann an Quito.
- 1936 – Chaochail Seòras V agus tha Eideard VIII na rìgh anns an Rìoghachd Aonaichte.
- 1981 – Chaidh Ronald Reagan a thaghadh mar cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte
- 1951 – Rugadh Gòrdan Mac a' Bhriuthainn, prìomh-mhinistear Bhreatainn.
- 1993 – Chaochail Audrey Hepburn, ann an Tolochenaz.
- 2009 – Tha Barack Obama na cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte.
'S e 21 am Faoilleach an 21na latha dhen bhliadhna.
- 1924 – Chaochail Vladimir Lenin, fear-poileataigs Ruiseach, ann an Gorki.
- 1950 – Chaochail George Orwell ann an Lunnainn. Sgrìobh e pàirt den leabhar ainmeil Nineteen Eighty-four ann an Diùra.
- 1959 – Rugadh Alex McLeish, cluicheadair ball-coise is manaidsear sgioba nàiseanta na h-Alba.
- 1997 – Chaochail Còirnealair Parker, manaidsear ciùil às na Tìrean Ìsle, ann an Las Vegas.
'S e 22 am Faoilleach an 22na latha dhen bhliadhna.
- 1852 – Stoirm mhòr aig Taigh-solais Àird nam Murchan.
- 1901 – Chaochail Ban-rìgh Bhictoria.
- 1914 – Chaochail Pàpa Pius X ann an Cathair na Bhatacain.
- 1922 – Chaochail Giacomo della Chiesa, Pàp bho 1914 a-mach.
- 1936 – Rugadh an ceimigear Alan J Heeger ann an Sioux City. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an 2000.
'S e 23 am Faoilleach an 23mh latha dhen bhliadhna.
- 1783 – Rugadh Stendhal, sgrìobhadair às an Fhraing.
- 1846 – Chuir às do Thràilleachd ann an Tuinisia.
- 1876 – Rugadh an ceimigear Otto Paul Hermann Diels ann an Hamburg.
- 1930 – Rugadh Derek Walcott, ann an Castries. Bàrd à Naomh Lùisia.
- 1954 – Rugadh Viktor Yushchenko, fear-poileataigs às an Ucràin.
'S e 24 am Faoilleach an 24mh latha dhen bhliadhna.
- 1712 – Rugadh Friedrich II na Prùise ann am Berlin.
- 1917 – Rugadh Ernest Borgnine ann an Hamden. Actair às na Stàitean Aonaichte.
- 1941 – Rugadh an ceimigear Dan Shechtman a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2011 san Iosrael.
- 1965 – Chaochail Winston Churchill, Prìomh-mhinistear Bhreatainn.
- 1998 – Cha do mhair Carlos Lemos Simmonds ach naoi latha mar cheann-suidhe Choloimbia.
'S e 25 am Faoilleach an 25mh latha dhen bhliadhna.
- 1477 – Rugadh Anna na Breatainn Bige.
- 1759 – Rugadh Raibeart Burns, ann an Allmhaigh.
- 1770 – Rugadh am bàrd agus sgrìobhadair Seumas Hogg ann an Eadaraig.
- 1939 – Chaochail Edward Dwelly, eòlaiche na Gàidhlig à Sasainn.
- 1918 – Rugadh an ceimigear Ilya Prigogine ann am Mosgo.
'S e 26 am Faoilleach an 26mh latha dhen bhliadhna.
- 1802 – Rugadh Victor Hugo, ann am Besançon. Sgrìobhadair às an Fhraing.
- 1848 – Chaochail Iain MacGilleEathain (Bàrd Thighearna Cholla), bàrd Ghàidhlig.
- 1884 – Rugadh Edward Sapir, cànanaiche agus corp-eòlaiche. Tha an Sapir-Whorf-Hypothesis stèidhichte air a bhun-bheachdan.
- 1991 – Chaochail Bobby MacLeod, cluicheadair a' bhocsa Albannach.
- 2014 – Chaochail Iain Fearchar Rothach, neach-poileataigs na h-Alba a bhuannaich an duais Sàr Ghàidheal ann an 2011.
'S e 27 am Faoilleach an 27mh latha dhen bhliadhna.
- 1596 – Chaochail an spùinneadair Sasannach Francis Drake ann am Portobelo (Panama).
- 1756 – Rugadh Wolfgang Amadeus Mozart ann an Salzburg.
- 1859 – Rugadh Ceusair Uilleam II ann am Berlin.
- 1901 – Chaochail Giuseppe Verdi, ceòladair às an Eadailt.
- 1950 – Rugadh an neach-poileataigs Albannach Annabel Goldie.
'S e 28 am Faoilleach an 28mh latha dhen bhliadhna.
- 1547 – Chaochail Rìgh Eanraig VIII, Rìgh Shasainn.
- 1621 – Chaochail Camillo Borghese, Pàp bho 1605 gu ruige 1621.
- 1784 – Rugadh George Hamilton-Gordon, Prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte.
- 1828 – Rugadh Julián Trujillo Largacha ann am Popayán. Fear-poileataigs à Coloimbia.
- 1939 – Chaochail am bàrd Èireannach William Butler Yeats ann an Roquebrune-Cap-Martin.
- 1982 – Chaochail Aonghas Caimbeul (Am Puilean), bàrd Gàidhlig à Leòdhas.
'S e 29 am Faoilleach an 29 latha dhen bhliadhna.
- 1861 – Tha Kansas air a bhith na stàit.
- 1861 – Chaochail José María Obando, fear-poileataigs à Coloimbia, ann an El Rosal.
- 1926 – Chaochail Benjamin Neeve Peach, clach-eòlaiche ainmeil air sgàth na h-obrach aige air cumaidhean geòlasach na Gàidhealtachd.
- 1934 – Chaochail an ceimigear Fritz Haber a thionnsgail am Pròiseas Haber ann am Basel.
- 1945 – Rugadh Tom Selleck, actair Aimeireaganach.
'S e 30 am Faoilleach an 30mh latha dhen bhliadhna.
- 1592 – Chaidh Pàpa Clemens VIII a thaghadh ann an Cathair na Bhatacain.
- 1930 – Rugadh Gene Hackman, ann an San Bernardino (Calafòrnia).
- 1949 – Rugadh Peter Agre, ann an Northfield (Minnesota). Bith-eòlaiche a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2003.
- 2005 – Chaochail Martyn Bennett ann an Dùn Èideann. Fear-ciùil ùr-ghnothach a mheasgaich ceòl Albannach traidiseanta agus modhannan as ùire.
'S e 31 am Faoilleach an 31na latha dhen bhliadhna.
- 1762 – Rugadh Lachlann MacGuaire ann an Ulbha, ris an canar "Athair Astràilia".
- 1846 – Chaidh Milwaukee (na Stàitean Aonaichte) a stèidheachadh.
- 1881 – Rugadh an ceimigear Irving Langmuir ann an Eabhraig Nuadh.
- 1886 – Rugadh Alfonso López Pumarejo ann an Honda. Fear-poileataigs à Coloimbia.
- 1930 – Rugadh Paul Newman, actair Aimeireaganach.
- 1935 – Rugadh an sgrìobhadair Kenzaburo Oe ann an Uchiko, an t-Seapan.