Lord Alexander R. Todd

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Alexander Robertus Todd
Alexander Todd Nobel.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Flag of Scotland.svg Glaschu 2 an Dàmhair 1907
Bàs Flag of England.svg Cambridge 10 am Faoilleach 1997
Oilthigh Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Eideann, Oilthigh Mhanchester, Oilthigh Oxford
Roinn Obrach Ceimigeachd
Linn 20mh Linn
Dùthaich Alba

B’ e ceimigear Albannach a bh’ ann an Alexander Robertus Todd neo Iarla Todd (Glaschu 2 an Damhair 1907Cambridge 10 am Faoilleach 1997). Rugadh e ann an Glaschu agus chaidh e don oilthigh an sin.

Tràchdasan[deasaich | deasaich an tùs]

Rinn e dà thràchdas. Sgrìobh e a' chiad thràchdas aig an Oilthigh Fhrankfurt mu dheidhinn searbhagan dhomblais. Ann an Oxford sgrìobh e an dàra thràchdas mu dheidhinn stuthan-datha a lorgar ann an dìtheanan.[1]

Dreuchd[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e na Ollamh Ceimigeachd Fhàs-Bheairteach aig an Oilthigh Chambridge bho 1944 gu 1972. Dh'obraich e an structar beòthamain B12 a-mach ann an 1955.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1957 airson an obair aige mu dheidhinn niùicliotaidean agus an co-cnàmhaidhean.[2]

Aistean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. https://www.royalsoced.org.uk/cms/files/fellows/obits_alpha/todd_lord.pdf
  2. Nobel Prize