Christian B. Anfinsen
| Christian B. Anfinsen | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Breith |
Monessen (en) |
| Dùthaich |
|
| Àite-fuirich |
Pikesville (en) |
| Bàs | Randallstown, 14 dhen Chèitean 1995 |
| Àite-adhlacaidh |
Beth Tfiloh Cemetery (en) |
| Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (greim-cridhe) |
| Foghlam | |
| Foghlam |
Oilthigh Phennsylvania Colaiste Swarthmore Monessen High School (en) Sgoil Leigheis Harvard (1941 - 1943) Dotair Feallsanachd : bith-cheimigeachd |
| Àrd-fhoghlam | Dotair Feallsanachd |
| Cànain | Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | bith-cheimigear, ceimigear, neach-teagaisg oilthigh agus bith-fhiosaigiche |
| Fastaichean |
Oilthigh Johns Hopkins Oilthigh Harvard |
| Duaisean a fhuaras | |
| Ballrachd |
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Acadamh Pàpach nan Saidheansan Comann Aimeireaganach na Feallsanachd |
| Creideamh | |
| Creideamh | Iùdhachd |
B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Christian Boehmer Anfinsen (Monessen, Pennsylvania, 26 am Màrt 1916–Randallstown, Maryland, 14 an Cèitean 1995). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1972,[1] còmhla ri Stanford Moore agus William H. Stein airson na h-obrach aca air a' phròtain, ribonuclease, a tha giullachd RNA.
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]B' e neach-iomairt a bha cuideachd ann. Chuidich e leis a' chùmhnant a bhac deuchainnean bomaichean niùclasach, is dh'iomairt e an aghaidh a' chogaidh ann am Viet Nam. Ann an 1981 chaidh e na cheannard comataidh nan Còraichean Daonna aig an Acadamh Nàiseanta nan Saidheans is shiubhal e còmhla ri buill eile don Argantain airson 11 luchd-saidheans a shàbhaladh on riaghaltas armach aig Jorge Videla.[2]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “Biographical Information”. The Christian B. Anfinsen Papers. Leabharlann Nàiseanta an Leigheis. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2019.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Christian Anfinsen - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ “Humanitarian and Political Activism, 1967-1994”. The Christian B. Anfinsen Papers. Leabharlann Nàiseanta an Leigheis. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2019.