Jump to content

Moungi Bawendi

O Uicipeid
Moungi Bawendi
Beatha
Ainm slàn Moungi Bawendi
Breith Paris, 15 dhen Mhàrt 1961
Dùthaich Tuinisia
 Na Stàitean Aonaichte
 An Fhraing
Teaghlach
Athair M. Salah Baouendi
Foghlam
Foghlam Oilthigh Chicago
Oilthigh Harvard
Stiùiriche an teusais Karl Freed (en) Translate
Takeshi Oka (en) Translate
Cànain Fraingis
Beurla
Dreuchd
Dreuchd ceimigear
Fastaichean Massachusetts Institute of Technology  (1990 -
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Acadamh Nàiseanta nan Saidheans
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
IMDb nm4953453
nanocluster.mit.edu

'S e ceimigear às an Fhraing a tha ann am Moungi Bawendi, a tha ainmeil airson an obrach aige air dotagan cuantamach, seo mìrean beaga bìodach a bhios gan cleachdadh m.e. ann an sgrìneachan telebhisean.

Rugadh e ann am Paris 1961[1] is athair dha, M. Salah Baouendi ag obair ann am matamataigs ann am Paris, ann an Nice agus ann an Tunis mus do dh'imrich an teaghlach gu Oilthigh Phurdue anns na Stàitean Aonaichte[2] far an robh màthair dha, Helene Baouendi, ag obair ann an saidheans coimpiutaireachd. Bha e na oileanach aig Oilthigh Harvard agus sgrìobh e tràchdas aig Oilthigh Chicago. Rinn e postdoc aig Bell Labs agus e ag obair còmhla ri Louis Brus. An dèidh sin chaidh e gu MIT far an do leasaich e dòighean airson dotagan cuantamach a shaothrachadh. Chaidh e na ollamh ann an 1996.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Moungi Bawendi - Facts - 2023”. Nobel Prize Outreach AB 2024. Air a thogail 14mh dhen Iuchar 2024.
  2. Thiemens, Mark, Ebenfelt, Peter: “M. Salah Baouendi (1937-2011)”, UCSD. 26mh dhen Fhaoilleach 2012. Air a thogail 14mh dhen Iuchar 2024. 
  3. Nobel laureate Moungi Bawendi, a 1978 West Lafayette High School alum, to join President Chiang for April 25 Presidential Lecture”, Oilthigh Phurdue. 2na dhen Ghiblean 2024. Air a thogail 14mh dhen Iuchar 2024. 

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]