Fraser Stoddart
Jump to navigation
Jump to search
'S e ceimigear à Alba a tha anns an Ridire Fraser Stoddart. Tha e ainmeil airson an obrach air innealan moileciuileach aige, airson an do bhuannaich e an Duais Nobel còmhla ri Ben Feringa agus Jean-Pierre Sauvage ann an 2016.
Rugadh e ann an Dùn Èideann ann an 24 an Cèitean 1942.[1] Bha e na oileanach an-sin agus sgrìobh e an tràchdas aige mu bhìthean às a buidheann Acacia.[2] Chaidh e na ollamh aig Oilthigh Bhirmingham ann an 1990.[3] Tha e na ollamh aig Oilthigh Northwestern ann an Illinois a-nis.[1]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ 1.0 1.1 “Sir J. Fraser Stoddart - Facts”. Fonndas Nobel. Air a thogail 7mh dhen Dàmhair 2016.
- ↑ “Studies on plant gums of the Acacia group”. British Library. Air a thogail 7mh dhen Dàmhair 2016.
- ↑ “Professor Sir J. Fraser Stoddart”. Oilthigh Bhirmingham. Air a thogail 7mh dhen Dàmhair 2016.