Linus Pauling
B' e ceimigear Aimearaganach a bh’ ann an Linus Carl Pauling. Tha e ainmeil airson a theòiridh an tàthaidh ceimigeach, a dh'fhoillsich e mar The Nature of the Chemical Bond ann an 1947 agus structar nan grunnan-feòla. Rugadh e ann an 1901 is bha e na oileanach aig Oregon Agricultural College is Caltech far an do sgrìobh e a theusas. Thill e a Chaltech as dèidh obrach còmhla ri Arnold Sommerfeld ann am Munich, is Erwin Schrödinger agus Peter Debye ann an Zürich. B' e esan a stiùirich Martin Karplus tron dotaireachd aige. Chaochail e ann an 1994.[1]
Urraman[deasaich | deasaich an tùs]
Fhuair e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1954[2] airson obrach mu dheidhinn ceanglaichean ceimigeach. Ann an 1962, fhuair e an Duais Nobel a-rithist (Sìth) airson obrach an aghaidh dhearbhaidhean air armachd dhadmannach. Cha robh a-riamh ann ach dithis, Marie Curie agus Linus Pauling a fhuair dà dhiofar Dhuais Nobel.
Dh'ainmicheadh dreag, 4674 Pauling, air.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Davies, Mansel (21mh dhen Lùnasdal 1994): “Obituary: Professor Linus Pauling”. The Independent. Air a thogail 17mh dhen Mhàrt 2018.
- ↑ “The Nobel Prize in Chemistry 1954”. Nobel Media AB. Air a thogail 17mh dhen Mhàrt 2018.