Jacobus Henricus van't Hoff
B' e Jacobus Henricus van't Hoff (30 an Lùnasdal 1852 - 1 am Màrt 1911) creag-eòlaiche, ceimigear, fiosaigiche agus fàs-bheartach Duidseach agus buannaiche dhan a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1901.[1] Chuidich e anns an stèidheachadh de na modhan aig ceimigeach fiosaigeach mar a tha fios againn air an diugh. Tha e cuideachd air a smaoineachadh air mar aon de na ceimigearan is ann an eachdraidh còmhla ri Antoine Lavoisier, Louis Pasteur agus Friedrich Wöhler.
Beatha tràth
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh e ann an Rotterdam ri dotair. Bho aois òg bha ùidhe aige ann an saidheans agus cuideachd ann am bàrdachd agus bha an Tighearna Byron na ìomhaigh aige. An aghaidh miann athair chaidh e a sgrùdadh ceimigeachd aig Ionad Polytechnical Delft, Oilthigh Leiden, Oilthigh Bhonn anns a' Ghearmailt agus an uairsin Paris agus mu dheireadh fhuair e an ollamhachd aige aig Oilthigh Utrecht ann an 1874. Ann an 1878 phòs e Johanna Francina Mees agus bha dithis nighean aca, Johanna Francina (r. 1880) is Aleida (r. 1882), agus dithis mhac, Jacobus Henricus (r. 1883) agus Govert Jacob (r. 1889).
Buannaiche dhan a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd
[deasaich | deasaich an tùs]Thoisich e a bhith na neach-labhairt ann an ceimigeachd agus nàdar-fheallsanachd aig Colaisde Lighiche-Bheataichean ann an Utrecht. Bha e na phroifeasair aig ceimigeachd, geòlas agus mèinn-eòlas ann an Amsterdam airson 18 bliadhna agus aig a' cheann thall ghabh e an àird an ceann-suidheachadh den roinn ceimigeachd. Ann an 1896 ghluais e chun na Gearmailt agus chrìochnaich e a dhreuchd a sin ann an 1911. Ann an 1901 bhuannaich e a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd airson na h-obrach aige le eadar-sgaoilidhean.
Aistean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Nobel Prize in Chemistry 1901”. Nobel Media AB. Air a thogail 30mh dhen Iuchar 2017.