Mario J. Molina
’S e ceimigear à Meagsago a th’ ann Mario José Molina neo Mario José Molina-Pasquel Henríquez (Meagsago 19 am Màrt 1943). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1995, còmhla ri Paul J. Crutzen agus F. Sherwood Rowland airson an obrach aca air an fhilleadh òson.[1] Rugadh e ann am Baile Mheagsago is bha e na sgoilear an sin agus anns an Eilbheis. Thill e gu Meagsago agus dh'ionnsaich e innleadaireachd cheimigeach. Rinn e dotaireachd aig Oilthigh California, Berkeley fo George Pimentel, far an do dh'obraich e air speactromachd leusair. Dh'imrich e a dh'Oilthigh California, Irvine, far an do dh'obraich e còmhla ri Sherwood Rowland is leasaich iad teòiridh mu clòrofluaracarbonan is am filleadh òson. Bha e an sàs ann an ceimigeachd an àile aig an JPL eadar 1982 is 1989, is aig MIT, far an do mhair e gu ruige 2005, nuair a thòisich e aig Oilthigh California San Diego.[2] Chaochail e ann an 2020.[3]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “The Nobel Prize in Chemistry 1995”. Nobel Media AB. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ “Mario J. Molina - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 8mh dhen Ghiblean 2018.
- ↑ Hogue, Cheryl: “Chemistry Nobelist Mario Molina dies”, Chemical & Engineering News. 9mh dhen Dàmhair 2020. Air a thogail 12mh dhen Dàmhair 2020.