Jump to content

Alan MacDiarmid

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Alan G MacDiarmid)
Alan MacDiarmid
Beatha
Breith Masterton, 14 dhen Ghiblean 1927
Dùthaich  Sealainn Nuadh
 Na Stàitean Aonaichte
Ciad chànan Beurla
Bàs Drexel Hill (en) Translate, 7 dhen Ghearran 2007
Àite-adhlacaidh Arlington Cemetery (en) Translate
Nàdar a’ bhàis accidental death (en) Translate (falling from height (en) Translate)
Foghlam
Foghlam Oilthigh Victoria ann am Wellington
Oilthigh Chambridge
Hutt Valley High School (en) Translate
Sidney Sussex College (en) Translate
Oilthigh Wisconsin–Madison
Weir House (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd ceimigear, einnseanair agus neach-teagaisg oilthigh
Fastaichean Oilthigh Phennsylvania
Oilthigh Wisconsin–Madison
Oilthigh Chill Rìmhinn
University of Texas at Dallas (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rìoghail
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans

B' e ceimigear à Sealainn Nuadh a bha ann an Alan Graham MacDiarmid (Masterton 14 an Giblean 1927Philadelphia 7 an Gearran 2007). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2000, còmhla ri Alan J Heeger agus Hideki Shirakawa airson na h-obrach aice air poilimearan a tha nan giùlanairean.[1]

Rugadh is thogadh e ann an Masterton, Sealainn Nuadh. Nuair a bha e 16 thòisich e ag obair mar neach-cùraim aig Colaiste Bhictoria ann an Wellington, is rinn e ceum pàirt-ùine. Dh'ionnsaich e aig Oilthigh Chambridge is Oilthigh Wisconsin agus chaidh e na àrd-ollamh aig Oilthigh Phennsylvania. Chuala e mu poilimearan airgeadach nuair a bha e aig seiminear ann an Tokyo còmhla ri Hideki Shirakawa is rinn Shirakawa cèilidh air Oilthigh Phennsylvania gus poilimearan giùlanach a dhèanamh.

Chaochail e as dèidh tuiteim nuair an robh e a' dol gu port-adhair airson itealaidh do Shealainn Nuadh.[2]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. The Nobel Prize in Chemistry 2000”. Nobel Media AB. Air a thogail 31mh dhen Dàmhair 2017.
  2. Chang, Kenneth: “Alan MacDiarmid, 79, Who Won Nobel for Work With Plastic, Dies”, New York Times. 8mh dhen Ghearran 2007. Air a thogail 14mh dhen Ghiblean 2018.