Artturi Ilmari Virtanen
Jump to navigation
Jump to search
B' e ceimigear à Suòmaidh a bha ann an Artturi Ilmari Virtanen (IPA: ˈɑrtːuri ˈilmɑri ˈʋirtɑnen) (Helsinki 15 am Faoilleach 1895–Helsinki 11 an t-Samhain 1973). Chaidh e gu Oilthigh Helsinki is dh'obraich e aig Valio, co-chomann biadh-bainne far an do dh'innlich e dòighean airson fodar is ìm glèidheadh agus cruth ùr saidhlids.[1] Rannsaich e cuideachd bacteria anns na 1920an.[2]
Urraman[deasaich | deasaich an tùs]
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1945 airson a rannsachaidh ann an àiteachas is biadh-eòlas, gu sònraichte glèidhteachas fodair.[3] Chaidh institiud aig Oilthigh na Fionnlann an Ear ainmicheadh air[4] còmhla ri bacterium a chaidh a lorg ann an eòrna air a bhrachadh.[2]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ “About Valio”. Valio Ltd. Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ 2.0 2.1 “A novel bacterial species named after the Finnish Nobelist A.I. Virtanen”, Oilthigh Helsinki. 30mh dhen Lùnasdal 2018. Air a thogail 2na dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Artturi Virtanen - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ “AIVI”. Oilthigh na Fionnlann an Ear. Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2019.