Richard Smalley
Jump to navigation
Jump to search
B’ e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Richard Errett Smalley (Arkon 6 an t-Ògmhios 1943–Houston 28 an Dàmhair 2005).
Bha e na oileanach aig Hope College ann am Michigan agus an sin Oilthigh Mhichigan. Dh'obraich e airson Shell Oil mar cheimigear agus sgrìobh e a thràchdas aig Oilthigh Phrinceton far an do rannsaich e speactromachd leusair. An dèidh postdoc aig Oilthigh Chicago lean e an rannsachadh aige aig Oilthigh Rice. Lorg e, còmhla ri a oileanach Robert Curl agus Harold Kroto à Sussex, fullerenes ann an 1985 is Kroto air chèilidh. Chaochail e le tinneas nan ceallan bàna aig aois 62.[1]
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1996,[2] còmhla ri Curl agus Kroto airson obrach ann an nanoteichneòlas.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Feder, Barnaby J.: “Richard E. Smalley, 62, Dies; Chemistry Nobel Winner”, New York Times. 29mh dhen Dàmhair 2005. Air a thogail 2na dhen t-Sultain 2020.
- ↑ “Richard E. Smalley - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 2na dhen t-Sultain 2020.