Jump to content

El Rosal

O Uicipeid
El Rosal
[[Faidhle:|70px]]
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Sgìre Sabana Occidente
Àirde 2685m
Co-chomharran 04° 51' 16' Tuath
74° 15' 39' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 86 km²
Àireamh-shluaigh 13,502 (2005)
Dlùths 157/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas El Rosal

' S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an El Rosal. Tha e suidhichte shuas anns na beanntan àirde na h-Andes aig astar dhe 20km bho Bhogotá. Tha teodhachd mheadhanach dhe 13˚ aige. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1887.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e ainm Spàinntis a tha a' ciallachadh Achadh na Ròisean neo Lus na Ròisean a th' ann an El Rosal.[3] Tha an t-iar-leasachan -al a' ciallachadh àite làn chraobh neo doire-choille,[4] m.e: Yopal ann an Casanare neo Chaparral ann an Tolima.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 13,502 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 4,301 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an El Rosal (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann, ach tha 37.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 93% dhe na daoine ann an El Rosal leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 21.1% dhe na dachannan.[7]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an El Rosal. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mapa na Roinnean
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Real Academia de la Lengua
  4. Spanish about.com
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Cololmbia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an El Rosal