William Butler Yeats

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
William Butler Yeats
William Butler Yeats by George Charles Beresford.jpg
seanadair na h-Èireann

11 dhen t-Sultain 1922 - 6 dhen Dùbhlachd 1928
Taghadh: Nominated members of Seanad Éireann
Beatha
Breith Dumhach Thrá, 13 dhen Ògmhios 1865
Dùthaich  Poblachd na h-Èireann
Cinneadh Èireannaich
Ciad chànan Beurla
Bàs Menton, 28 dhen Fhaoilleach 1939
Àite-adhlacaidh Druim Chliabh
Teaghlach
Athair John Butler Yeats
Màthair Susan Pollexfen
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam National College of Art and Design
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhaiche-dràma, sgrìobhadair, neach-poileataigs agus mystic
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Hermetic Order of the Golden Dawn
Comann Rìoghail an Litreachais
Gluasad Symbolism
IMDb nm0947102
Yeats Signature.jpg

B' e sgrìobhadair Èireannach a bha ann an William Butler Yeats. Rugadh e ann am Baile Átha Cliath ann an 1865 agus chaochail e ann an Roquebrune-Cap-Martin ann an 1939. Bha uidh mhòr aige sna Seann-Cheiltich. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1923.[1]

Sgrìobh e cuideachd dealbhan-cluiche mar The Countess Kathleen (1892) is Cathleen ni Houlihan (1902) anns an do nochd a bhràmair Maud Gonne. Bha e na cheann-suidhe Comann Taigh-cluiche Nàiseanta na h-Èirinn an do stèidhich Amharclann na Mainistreach ann am Baile Átha Cliath ann an 1904. Sgrìobh e an duan ainmeil Easter, 1916 an dèidh do Ar-a-mach na Càisge.[2]

William Butler Yeats agus Somhairle MacGill-Eain[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-ainm, William Butler Yeats, a' nochdadh gu tric ann am bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain, gu sònraichte ann an Dàin do Eimhir agus Dàin Eile. Ann an dà dhàn eile, 'Thug Yeats Dà Fhichead Bliadhna' is 'Aig Uaigh Yeats', tha MacGill-Eain a' làimhseachadh a dhàim làidir toinnte ri Yeats.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. The Nobel Prize in Literature 1923”. Nobel Media AB. Air a thogail 13mh dhen Ògmhios 2018.
  2. William Butler Yeats”. Poetry Foundation. Air a thogail 13mh dhen Ògmhios 2018.