Jump to content

Seumas Hogg

O Uicipeid
Seumas Hogg
Beatha
Breith Eadaraig, 9 dhen Dùbhlachd 1770
Dùthaich  Alba
Bàs Eadaraig, 21 dhen t-Samhain 1835
Foghlam
Cànain A' Bheurla Ghallta
Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhadair, nobhailiche, beatha-eachdraiche agus sgrìobhaiche òran
Obraichean comharraichte The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner (en) Translate
Gnè ealain Gothic literature (en) Translate
IMDb nm0389710

Bha Seumas Hogg (1770 – 21 Samhain 1835; Beurla: James Hogg) ’na bhàrd agus ’na sgrìobhadair na Beurla agus na Beurla Gallta.[1] Nuair a bha e ’na òganach bha e an sàs ann an àiteachas mar bhuachaille agus cìobair, agus fhuair e a chuid fhoghlaim ’na aonar tro leughadh pearsanta.[2] Bha e ’na charaid do mhòran sgrìobhadairean cliùiteach a bha beò san àm, Walter Scott ’nam measg. Fiù ’s sgrìobh Hogg eachdraidh-bheatha neo-oifigeil a’ bhàird.[3] Bha e cliùiteach fon ainm "Cìobair Eadaraig" (The Ettrick Shepherd), is chleachd e am far-ainm sin nuair a dh’fhoillseachadh tòrr de na sgrìobh e. A thuilleadh air sin, chaidh an t-ainm sin a chleachdadh mar ainm caractair san t-sreath ainmeil Noctes Ambrosianae, a chaidh fhoillseachadh san iris Blackwood's Magazine.[4] Tha e fhathast ainmeil ’nar làithean-ne airson na nobhail The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner. Am measg nan rudan eile a sgrìobh e, tha dàin leithid The Queen's Wake (1813), cruinneachadh òran Jacobite Reliques (1819), agus dà nobhail eile, The Three Perils of Man (1822) agus The Three Perils of Woman (1823).

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • The Mountain Bard (1807)
  • The Forest Minstrel (1810)
  • The Queen's Wake (1813)
  • The Pilgrims of the Sun (1815)
  • Brownie of Bodsbeck (1817)
  • Jacobite Reliques (1819)
  • The Three Perils of Man (1822)
  • The Three Perils of Woman (1923)
  • The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner (1824)
  • Queen Hynde (1925)
  • Songs by the Ettrick Shephard (1831)
  • The Brownie of the Black Haggs (1828)
  • The Domestic Manner and Private Life of Sir Walter Scott (1834)
  • Tales and Sketches of the Ettrick Shepherd (1837)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Hughes, Gillian, 1995. "James Hogg". The Literary Encyclopedia. [1]
  2. Eachdraidh-bheatha, BBC
  3. Karl Miller, The Electric Shepherd: A Likeness of James Hogg, 2004
  4. Hogg, James (2004). Anecdotes of Scott. Edinburgh, UK: Edinburgh University Press. pp. v-vi. ISBN 0-7486-2085-0

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]