Basel

O Uicipeid
Basel
Mapa Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Eilbheis
Roinn Eilbheiseach Basel-Stadt
Cànan Gearmailtis
Co-chomharran 47° 34 00′ Tuath
07° 36 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 23.91 km²
Àireamh-shluaigh 169,536 (2011)
Dlùths 7,090.59/km²
Àireamh fòn + 41 61
Duilleag oifigeil http://www.basel.ch

'S e baile mòr ann an ceann a tuath na h-Eilbheise a th’ ann am Basel (IPA: ˈbaːzəl, Eadailtis/Rumantsch: Basilea, Fraingis: Bâle). Tha e suidhichte aig 257m os cionn ìre na mara[1] ri taobh na h-aibhne Rhein, anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Basel-Stadt, air na crìochan trì-nàiseanta còmhla ris an Fhraing agus a' Ghearmailt. Tha Basel dìreach 75km air falbh bho Zürich, 187km bho Ghenève, 78Km bho Luzern agus 70km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2]

Ged nach eil ach 169,536 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin, tha mu 830,000 anns an sgìre eadar-nàiseanta uile gu lèir, mòran dhuibh air an taobh thall na crìochan anns an Fhraing is A′ Ghearmailt. 'S e an treas baile as motha anns an dùthaich a rèir àireamh-sluaigh.[3]

'S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Basel. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 374 agus chaidh an t-oilthigh, far an robh Erasmus, Paracelsus agus Nietzsche an sàs, a stèidheachadh ann an 1460. Chaochail Fritz Haber an seo ann an 1934 agus Tadeus Reichstein ann an 1996.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean/Stàitean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Bailtean na Cruinne
  4. Москва
  5. City of Miami Beach
  6. 上海
  7. Massachusetts

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]