Jan Palach

O Uicipeid
Jan Palach
Beatha
Breith Londýnská (en) Translate agus Všetaty (en) Translate, 11 dhen Lùnastal 1948
Dùthaich Czechoslovak Republic
Czechoslovak Socialist Republic
 An t-Seic-Slòbhac
Ciad chànan Seacais
Bàs Borůvkovo hospital (en) Translate agus Pràg, 19 dhen Fhaoilleach 1969
Àite-adhlacaidh Cladh Olšany
Všetaty (en) Translate
Nàdar a’ bhàis fèin-mhurt (self-immolation (en) Translate)
Teaghlach
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Gymnázium Jana Palacha (en) Translate
Faculty of Arts, Charles University in Prague (en) Translate
(1968 - 19 dhen Fhaoilleach 1969) : eachdraidh saidheans, political economy (en) Translate
Cànain Seacais
Dreuchd
Dreuchd university student (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Parish Church of the Evangelical Churches of Czech Brethren in Libiš (en) Translate
T.J. Sokol Všetaty (en) Translate
Sokol (en) Translate
Creideamh
Creideamh Evangelical Church of Czech Brethren (en) Translate

'S e oileanach aig Oilthigh Theàrlaich[1] ann am Pràg (Seacais: Univerzita Karlova v Praze; Laideann: Universitas Carolina Pragensis; Gearmailtis: Karls-Universität zu Prag) a bh' ann an Jan Palach (IPA: jan ˈpalax, Pràg, 11 an Lùnastal 1948 - ibidem 19 am Faoilleach 1969). Dh'ìobair e esan fhèin mar fhianais an aghaidh ionnsaigh Shobhiatach a ghabh àite anns an Lùnastal 1968.[2]

An Ionnsaigh Shobhiatach[deasaich | deasaich an tùs]

Air an 21 an Lùnasdal 1968, bhris an t-armailt Sovietach a-steach air an t-Seic-Slòbhac,[3] oir cha robh na h-ath-leasachaidhean a rinn an riaghaltas anns an Seic-Slòbhac a' còrdadh ris an riaghaltas Sovietach, bha an riaghaltas Sovietach ag iarraidh a' cumail a bhuaidh air an t-Seic-Slòbhac. Bha Palach ag ionnsachadh Feallsanachd aig an àm.[4] fon riaghaltas aig Alexander Dubček, is le sin mhùchadh Earraich Phràg. Mar sheòrsa dhe fianais, loisg Palach esan fhèin anns a' Cheàrnaig Vaclav air an 16mh am Faoilleach 1969. Dh'fhàs tìodhlacadh Phalach a bhith an fhianais-dhùbhlain na bu mhò a bh' ann a-riamh an aghaidh nan Sobhiatach, agus an ceann mìos, air 25 an Gearran, mharbh oileanaich eile, Jan Zajíc,[5] esan fhèin san aon dhòigh agus san aon àite. Sa Ghiblean, rinn Evzen Plocek an dearbh rud ann an Jihlava.[6]

Jan Palach is Saoghal na Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Sgrìobh Somhairle MacGill-Eain an dàn Gàidhlig mu dhèidhinn Jan Palach:

"...nach b’ ann le teine-aighir mar chunnacas ann am Pràg, ’s nach b’ e an curaidh oileanaich a rachadh suas ’na smàl..."[7]

Jan Palach anns a' chultar[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 2013, rinn HBO sreath filmichean mu dhèidhinn na tachartasan a lean às dèidh bàis Phalach: Hořící keř (The Burning Bush). Bha Agnieszka Holland, stiùiriche nam film Pòlainneach ainmeil, na stiùiriche.

Daoine eile a dh'ìobair iad fhèin mar fianais phoileataigeach[deasaich | deasaich an tùs]

  • an t-Seic-Slòbhac: Jan Zajíc, Evžen Plocek, Josef Hlavatý
  • A' Phòlainn: Ryszard Siwiec
  • An Ucràin: Vasyľ Makuch

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Univerzita Karlova v Praze
  2. Radio CZ
  3. BBC
  4. Univerzita Karlova v Praze
  5. Zprávy
  6. Totalita
  7. Somhairle MacGill-Eathain