Alfred Russel Wallace

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Alfred Russel Wallace
Alfred-Russel-Wallace-c1895.jpg
Beatha
Breith Brynbuga, 8 dhen Fhaoilleach 1823
Dùthaich  A' Chuimrigh
Bàs Broadstone, 7 dhen t-Samhain 1913
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd matamataigear, bith-eòlaiche, taisgealaiche, daon-eòlaiche, ainmh-eòlaiche, eòlaiche nàdair, sgrìobhadair agus anti-vaccine activist
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rìoghail
An Comann Cruinn-eòlais Rìoghail
Comann Ainmh-eòlas Lunnainn
Alfred Russel Wallace, signature.svg

Bha Alfred Russel Wallace (8 am Faoilleach 1823 - 7 an t-Samhain 1913) na neach-eòlas-nàdair, bith-eòlaiche, neach-cruinn-eòlas, neach-rannsachaidh, agus aon den chiad luchd-àrainneachd ri linn Ìmpireachd na Breatainne.

Nuair a bha Wallace òg fhathast, rinn e turas rannsachaidh ann an Amazon airson sampaill a thrusadh. As dèidh sin, rinn e turas na bu ainmeile anns na h-eileanan a tha latha an diugh nam pàirt de na Innd-Innse. 'S ann anns a 'Malay Archipelago' a bha Wallace a leasachadh na smuaintean aige mu dheidhinn riarachadh beòthaichean air an t-saoghal. Sin an adhbhar carson a tha Wallace air a chuimhneachadh mar Athair a' Bhith-cruinn-eòlais.

'S e an Loidhne Wallace an obair na bu ainmeile aige. Bidh an Loidhne a' sealladh air an sgaradh eadar na h-ainmhidhean is flùraichean de dh'Astràilia agus de dh'Àisia.

Aig an aon àm, bha Wallace a' sgrìobhadh smuaintean mu dheidhinn meanbh-fhàs tro thaghadh le nàdar fhèin. Chuir e na beachdan aige gu Charles Darwin ann an litrichean. Aig an àm seo, bha Darwin eadar dà inntinn mu dheidhinn creidibh agus saidheans. Bha an obair aig Wallace a' brosnachadh Darwin airson a leabhar Origin of the Species a chur an clò ann an 1858.

Ged a tha Darwin air a chuimhneachadh mar Athair Teòiridh a' Mheanbh-fhàis, ghabh Wallace pàirt chudromach ann. Tron naoidheamh linn deug, bha Wallace a' seasamh ri beachdan Darwin.

Chan e saidheans a-mhàin a rinn Wallace tron bheatha aige. Bha e cuideachd a' càineadh mì-cheartas ann an siostam sòisealta agus eaconamach an naoidheimh linn deug. Bha Wallace cuideachd anns na ciad daoine a bha a' thoirt rabhadh a thaobh lèirsgrios na h-àrainneachd leis an Ìmpireachd.

Sgrìobh e The World of Life ann an 1911 agus chaochail e ann an 1913 (90 bliadhna a dh'aois) ann an Dorset.