Porfirio Barba Jacob
Porfirio Barba Jacob | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Santa Rosa de Osos, 29 dhen Iuchar 1883 |
Dùthaich | Coloimbia |
Ciad chànan | Spàinntis |
Bàs | Meagsago, 14 dhen Fhaoilleach 1942 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (a' chaitheamh) |
Foghlam | |
Foghlam | Universidad Externado de Colombia (en) |
Cànain | Spàinntis |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd agus sgrìobhadair |
Obraichean comharraichte | Q123029086 |
Far-ainmean | Porfirio Barba Jacob, Maín Ximénez agus Ricardo Arenales |
B' e ùghdar à Coloimbia a bha ann an Miguel Ángel Osorio Benítez ( Santa Rosa de Osos, 29 an t-Iuchar 1883–Meagsago, 14 am Faoilleach 1942). Bha e ainmichte fon ainm-brèige Porfirio Barba Jacob. Rugadh e shuas air a' mhòinteach faisg air Medellín.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Porfirio Barba Jacob ann an Santa Rosa de Osos, Antioquia, air an 29mh latha dhen Iuchar 1883,[1] agus b’ e mac Antonio María Osorio agus Pastora Benítez a bh’ ann. Thogadh e aig taigh a shean phàrantan ann an Angostura agus ann an 1895 thoisich e taistealachd mhòr agus chaidh e gu iomadh baile ann an Coloimbia agus, bho 1907, gu Aimearaga Mheadhanach agus Na Stàitean Aonaichte. 'S e àite làn chultair na h-Eaglaise Caitligiche a th' ann Santa Rosas de Osos, fiù 's an latha an-diugh.
Ann an dòigh, b’ e taistealachd mhairinneach dhoirbh tro iomadh dùthaich anns Na h-Aimearagan bh’ ann a bheatha. Chuir e seachad greiseag no dhà ann an Guatamala, Honduras, Costa Rica, El Salbhador, Cuba, Pearu agus Meagsago. Bha esan an lùib a h-uile seòrsa foillseachadh litreachail agus poileataigeach.[2] Bha e gu math connspaideach agus gabhadh e a-riamh ri sgannal, rud a thug piseach air eachdraidh a bheatha agus buaidh a chuid bhàrdachd.
B’ e an spiorad allaban, làn pais agus cianalas aige na phàirt chudromach a chuid obrach, a bha cuideachd cho làn cràdh agus sàimh. Bha e cho liriceach ’s a ghabhas agus thuirt Nicolás Bayona Posada gu robh ealain mìorbhaileach aige far a chuireadh e ceòl nan rann agus dràma a chuid smuaintean binnmhoire ùire ri chèile.[3] Chaochail e leis a’ chaitheamh ann an 1942 ann am Meagsago. An ceann ceithir bliadhna, ann an 1946, thug Riaghaltas Choloimbia a chraidhneach air ais dhachaigh.
Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Dh’ atharraich am fìor ainm a bh’ aige - Miguel Ángel Osorio Benítez - gu Ricardo Arenales agus an uair sin gu Porfirio Barba Jacob agus chum e an t-àite ùr gus a chaochail e.[4] Rinn e sin air sàilleabh gu robh fear eile ann air an robh Ricardo Arenales agus bha am fear seo a-riamh ann an trioblaid laghail : ‘s e cùis nàire dhasan a bh’ ann agus bhathar dhen bheachd gur esan fhèin a bh’ ann Ricardo Arenales. Chleachdadh e tòrr ainm-pinn eile cuideachd: Juan Sin Miedo, Juan Sin Tierra, Juan Azteca, Junius Cálifax, Almafuerte agus El Corresponsal Viajero nam measg. Bha e gu math càirdeil ri Porfirio Díaz agus air sgàth sin b' fheudar dha teicheadh bho Ghuatamala ann an 1915.[5]
Co-sheòrsachd
[deasaich | deasaich an tùs]Cha do dh’fhalaich Barba Jacob gu robh e gèidh idir, agus bha sin na trioblaid dha fad a bheatha.[6] Nochd sin airson a’ chiad turais anns an leabhar libro «El hombre que parecía un caballo y otros cuentos», a sgrìobh an t-ùghdar à Guatamala Rafael Arévalo Martínez mu Bharba Jacob ann an 1914. A bharrachd air sin, Sgrìobh an t-ùghdar gèidh Fernando Vallejo[7] mòran mu dheidhinn Bharba Jacob agus a bhuaidh airsan fhèin agus air litreachas ann an Spàinntis.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Poemas de Alma
- ↑ El Triumfo de Arciniegas
- ↑ El Libro Total
- ↑ Epdlp
- ↑ Los Poetas
- ↑ Banrepcultural
- ↑ El Espectador