Taistealachd

O Uicipeid
Neach-taistealachd ann am Makka

'S e cuairt, siubhal air neo turas a nithear air adhbharan creideimh gu àite sònraichte cràbhach a th' ann an taistealachd air neo taisgealachd.[1] Thathar a' dèanamh thaistealachdan ann an iomadh cultar air feadh an t-saoghail, mar as àbhaist air chois, gu àiteachan cudromach dha na creideamhan a th' aig na luchd-taistealachd. Chithear fianais gun do rinneadh taistealachd gu Stonehenge fiù 's 2,400 ro Iosa Chrìost. Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur e tachartas gu ìre coitcheann ann an daonn-eòlas nan creideamhan a th' innte. 'S e gun tachair an neach-taisealachd ris a' bhith os-nàdarra ann an àite ceart far a ghabh e pàirt ann am fìorachd nach eil mì-naomha, mar am beatha làitheil. Daonnan bheir an taistealachd mòran airgid - agus leasachadh - do thurasachd anns na sgìrean far an tèid luchd-taisealachd.[2] Cha biodh port-adhair eadar-nàiseanta ann am Pau nach Lourdes faisg air làimh. Anns an sgìre mu timcheall air A' Mhuir Mheadhan-thìreach, tha ceithir cultaran mòra na cruinne ann, a tha ceangailte ri Crìosdaidheachd (Caitligich agus Ortadogsaich), Iùdhachd agus Ioslam. 'S iad seo a tha air a' toirt buaidh mhòr air an sgìre a thaobh thurasachd. Ann an 2013, sheall rannsachadh gu deach mu 130 muillean duine air taistealachd, 70% dhiubh nan Crìostaidhean (90 muillean), agus an 30% a tha air fhàgail a tha nam Muslamaich, nam Budaich agus nan Hionduthach.[3]

Ceanglaichean A-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iso Baumer: Wallfahrt als Handlungsspiel. Ein Beitrag zum Verständnis religiösen Handelns. Frankfurt am Main 1977, S. 3–2610–2129–2
  2. Состоялось заседание Священного Синода Русской Православной Церкви
  3. Jean Chélini, Les Pèlerinages dans le monde à travers le temps et l'espace, Picard,‎ 2008