Angostura (Antioquia)

O Uicipeid
Angostura
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Àirde 1638m
Teòthachd chuibheasach 23˚
Co-chomharran 06 53' 07' Tuath
75° 20' 07' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 387 km²
Àireamh-shluaigh 12,519 (2005)
Dlùths 32.35/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Angostura. Tha e suidhichte aig 1,675m os cionn ìre na mara agus 139km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1822.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 2,096 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 12,519 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Angostura, ach tha 23.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 77.7% dhe na daoine ann an Angostura leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 15.4% nan dachaigh.[5]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a rugadh e ann an Santa Rosa de Osos, thogadh am bàrd Porfirio Barba Jacob an seo, o chionns du robh a shean-phàrantan a’ fuireach ann.[6]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Támesis. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Clachain[deasaich | deasaich an tùs]

Llanos de Cuiva

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. World Weather
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Casa Museo Angostura
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Angostura