Santa Rosa de Osos
Santa Rosa de Osos
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Àirde | 2550m | ||||
Co-chomharran | 06 38' 50' Tuath 75° 27' 38' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 812 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 31,025 (2005) | ||||
Dlùths | 38.21/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Santa Rosa de Osos. Tha e suidhichte aig 2,550m os cionn ìre na mara agus 74km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd mheadhanach dhe 15˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1636.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 14,703 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 31,025 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Santa Rosa de Osos, ach tha 16% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 91.3% dhe na daoine ann an Santa Rosa de Osos leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 45.3% nan dachaigh.[5]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Mus an do ràinig na Spàinntich, b' e Tùsanaich air an robh na Nutabes a bha nan tàmh an seo agus chanadh gu robh iad gu math fiadhach. Bha iad gu math sgileil ri cotan agus òr a dhèanamh. Bha structar sòisealta prìomh-athaireil aca agus bha iad a' creidsinn anns a' bheatha an deidh a' bhàis agus chuireadh iad uidheamachd, seòid, biadh agus aodach anns na tuaman. 'S e gleann mòr a th' anns an sgìre seo far a bheil am baile fhèin an latha an-diugh agus, ann an 1541, b' e ceannsaiche Spàinnteach air an robh Francisco Vallejo a bha a' chiad duine bho thall thairis a chunnaic an t-àite. B' e esan a thug an t-ainm Gleann nam Mathan (Valle de los Osos) dhan sgìre air sàilleabh cho pailt a bha mathain aig an àm. Mu 1600 bha fios aig na Spàinntich nach robh an t-òr idir gann. Ràinig na ciadan an torr air an òr agus chaidh am baile fhèin a chithear a-nis a stèidheachadh ann an 1636 le Antonio Serrano de Espejo, a bha an urra ri Èigheachd Rìoghail a dhèanamh. Ann an 1659 chaidh paraist a thogail leis an urramach Vasco Jacinto de Contreras y Velarde, easbaig Phopayán. B'e San Jacinto de los Osos an t-ainm a chuireadh air. Dh' atharraich an t-ainm gu Villa de Nuestra Señora de los Osos ann an 1798 agus, mu dheireadh thall, chuireadh Santa Rosa de Osos air ann an 1811.
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santa Rosa de Osos. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Clachain
[deasaich | deasaich an tùs]- Llanos de Cuiva
- Santa Ana
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Data[dead link]
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia