Martyn Bennett
Martyn Bennett | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Baile Naoimh Eòin, an Talamh Ùr, 17 dhen Ghearran 1971 |
Dùthaich | Canada |
Bàs | Dùn Èideann, 30 dhen Fhaoilleach 2005 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Aillse) |
Foghlam | |
Foghlam |
Conservatoire Rìoghail na h-Alba Broughton High School (en) City of Edinburgh Music School (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-ciùil |
Gnè ealain | fusion Ceilteach |
Inneal-ciùil | a' phìob |
Taigh-clàraidh | Real World Records (en) |
IMDb | nm1745947 |
martynbennett.com |
B' e Martyn Bennett fear-ciùil ùr-ghnothach a mheasgaich ceòl Albannach traidiseanta agus modhannan as ùire. 'S e bh' ann ach fear de na luchd-ciùil Albannach as cudromaiche ri a linn-sa. Rugadh e air an 17mh an Gearran 1971, ann am Baile Naoimh Eòin, An Talamh Ùr, Canada. B' e mac an t-seinneadair Gàidhlig is eòlaiche ainmeil, Mairead Bennett, às an Eilean Sgitheanach. An uair a bha e 6 bliadhna de dh'aois, thàinig iad ri Ceann a' Ghiùthsaich, Alba, far an deach a thogail a-measg beartas de dhualchas na h-Alba, an dà chuid Gaidhealach is Gallta, a thug buaidh mhòr air a cheòl. Rinn e ceòl clasaigeach aig an RSAMD ann an Glaschu, far an do choinnich e ris a bhean, Kirsten, a' ceumnachadh ann an 1994.
Ged a rinn e ceòl clasaigeach mar cheum, thill e gu ceòl Albannach, a' cluich na fìdhle is na pìoba mòire agus thòisich e ag aonachadh seo le ceòl dannsa de leithid eile (air a bheil Rave no House). Thàinig a chiad chlàr, air ainmeachadh leis fhèin, a-mach ann an 1996. Bha seo an deagh àm, an uair a bha Runrig agus Capercallie a' fàs sgìth is sean. Ach 's e an dàrna clàr aige Bothy Culture a bha na chlach-mhìle ann an ceòl "tradaiseanta" Albannach. A' tarraing air iomadach dhòighean is chultaran, 's e Hallaig le Somhairle MacGill-Eain a' leughadh a chuid bhàrdachd fhèin a th' anns an òran as mìorbhailiche, ach tha e doirbh port lag a lorg air a' chlàr.
B' e Hardland an treasa clàr aige.
Dh'imrich e gu Muile ann an 1999 agus chùm e air ag aonachadh nan diofar dhòighean ri chèile gu ann Glen Lyon agus le Grit a thàinig a-mach ann an 2003. Chaochail Martyn Bennett ann an Dùn Èideann air an 30mh latha den Fhaoilleach 2005 as deidh tinneas fada le aillse. Dh'fhàg e a bhean chòir, Kirsten agus a mhàthair, Mairead.