Canonbaidh
Canonbie | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 04′ 40″ Tuath 02° 57′ 07″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 390 (2001) |
Àireamh fòn | 013873 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail air iomall na crìochan le Sasainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Canonbie neo Canobie o shean. Tha e suidhichte aig 52m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar an Greatna agus Langaim, ri taobh na h-Aibhne Easg.[2] Tha e 236km air falbh bho Obar Dheathain, 118km bho Ghlaschu, 32km bho Dhùn Phrìs agus 99km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 390[4] duine a' fuireach an seo agus 's e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Canonbie. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsta,[5] talla a' bhaile, agus bùth an seo. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Langaim.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh daingneach a chur air bhog ri linn nan Ròmanach. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1290 mar Caneby.[7] Thogadh mainistir beag an seo ri linn Righ Daibhidh I le taic bhon thighearna Turgis de Rosdale agus dhùnadh ann an 1606 e.[8] Fhuair am baile ainm bho na clèirich a bha nan tàmh an seo. Bha am baile ann am meadhan fearainn na deasbaireachd, far an robh Alba agus Sasainn a' sabaid air na crìochan aca fad iomadach linn, agus bha an suidheachadh gu math doirbh. Thug An t-Iarla Thomas Wharton ionnsaigh a' mhainistir an dèidh Cath na Mòine Shalmhaigh, ann an 1542.[9] Sgrìobh Walter Scott luaidh, air an robh "The Young Lochinvar", mu dheidhinn a' bhaile is na h-aibhne ann an 1808,[10] a thug deagh chliù dhan sgìre. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair 46 duine à Canonbie bàs sa Chogadh Mòr.[11]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Elevation Map
- ↑ SEPA
- ↑ Distance Calculator
- ↑ EVI
- ↑ Trip Advisor
- ↑ Canonbie Primary
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Watt, D.E.R. & Shead, N.F. (Deasaichean), The Heads of Religious Houses in Scotland from the 12th to the 16th Centuries, The Scottish Records Society, New Series, Dreach 24, (Dùn Èideann, 2001), duilleagan 28–9
- ↑ Cameron, Jamie, James V, The Personal Rule, Tuckwell (1998)
- ↑ University of Michigan
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck