Cathair (Siorrachd Dhùn Phris)

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Cathair (Siorrachd Dhùn Phrìs))
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Cathair
Courthill Smithy, Keir Mill.jpg
Mapa dg cathair.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Co-chomharran 55° 13′ 08″ Tuath
03° 47′ 42″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12.3 km²
Àireamh-shluaigh 320 (2001)
Dlùths 26.02/km²
Àireamh fòn 01848

‘S e baile beag dùthchasail agus parraist faisg air Bàrr na Dris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann Cathair[1] neo Muileann na Cathrach. Tha am parraist 12.3 km² a dh'fharsaingeachd,[2] aig 40m os cionn ìre na mara,[3] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975),ri taobh na na h-aibhnichean Scaur[4] agus Nid, eadar Am Mòine Naomh agus Cill Osbairn. Tha e 240km air falbh bho Obar Dheathain, 77km bho Ghlaschu, 20km bhon Dùn Phris agus 91km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] Tha mu 320[6] duine a' fuireach an seo agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns a' Chathair, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[7] Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus Turasachd. A bharrachd air sin, tha muileann sàbhaidh[8] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann, is e sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann am Penpont[9] agus dhan àrd sgoil ann am Bàrr na Dris.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh tùr dìonadach a thogail an seo aig deireadh na 16mh Linne, air a bheil Tùr Bàrr Dearg.[10] Thoisich gnothach a' mhuilinn an seo ann an 1771, leis nach bu ghann uisge agus fiodh sa sgìre.[11] Thogadh eaglais anns a' Chathair ann an 1814 agus leasachadh ann an 1880 i.[12] Dhùnadh an eaglais ann an 1998. Tha Cathair am broinn pharaiste Phenpont. Chaidh tuagh ro-eachdraidheil a lorg an seo ann an 1888,[13] a tha a-nis ri fhaicinn san taigh-tasgaidh ann an Dùn Phris. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair triùir às a' pharraist bàs san Dàrna Cogadh.[14]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dictionary Detail - Cathair”. Am Faclair Beag. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2017.
  2. Scottish Places
  3. Elevation Map
  4. Visions
  5. Distances From - To
  6. A' Chomhairle
  7. Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
  8. Carronbridge Sawmill
  9. A' Chomhairle
  10. Canmore
  11. Canmore
  12. Buildings at Risk
  13. Canmore
  14. Scottish War Memorials Project
  15. Nothing to see here