Eastriggs

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Eastriggs
Eastriggs approached from the west.JPG
Mapa dg eastriggs.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 23′ 50″ Tuath
03° 46′ 42″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,876 (2011)
Àireamh fòn 01461

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Eastriggs. Tha e suidhichte aig 490m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Greatna agus Dòrnach. Tha e 351km air falbh bho Obar Dheathain, 136km bho Ghlaschu, 30km bhon Dùn Phrìs agus 140km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 1,876 duine a' fuireach an seo[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Eastriggs. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, ionad-sòisealta,[4] taigh-seinnse agus taigh-tasgaidh[5] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[6] ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Eastriggs a stèidheachadh leis an Riaghaltas àite falamh eadar Dòrnach agus Lowthertown ann an 1915 agus a choileanadh ann an 1918,[7] ri linn A' Chogaidh Mhòir mar taigh-ghnìomhachais mòr, air an robh HMS Factory Gretna.[8] Bha duilgheadasan mòra ann taobh àirneis-chogaidh is le sin chaidh mu 30,000 luchd-obrach a thoirt dhan sgìre le Ministrealachd an Dìona. Dh'fhosgladh eaglais easbaigeach a' bhaile an ceann dà bhliadhna, ann an 1917.[9] Thaghadh an t-àite seo leis gu robh e fad air falbh bho na bailtean eile agus leis gu robh loidhne-rèile ann cuideachd, le stèisean ann an Dòrnach. Fhuair an stèisean an t-ainm ùr Eastriggs ann an 1923.[10]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Falling Rain
  2. Distances From
  3. City Populatin
  4. Eastriggs Club
  5. The Devil's Porridge
  6. A' Chomhairle
  7. Scottish Places
  8. Ministry of Munitions of War, (1918). H.M. Factory, Gretna: Description of Plant and Process. Dumfries: J. Maxwell & Son for His Majesty's Stationery Office.
  9. Scotland's Churches trust
  10. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199.