Drochaid Charrainn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Drochaid Charrainn
Carronbridge - geograph.org.uk - 151906.jpg
Mapa dg drochaid charrainn.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 15' 43″ Tuath
03° 46' 44″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 320 ()
Àireamh fòn 01848
Duilleag oifigeil Drochaid Charrainn aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Drochaid Charrainn.[1] Tha e suidhichte aig 82m os cionn ìre na mara,[2] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar An t-Seann Chathair agus Bàrr na Dris, faisg air inbhir na h-aibhnichean Carrainn agus Nid.[3] Tha e 235km air falbh bho Obar Dheathain, 73km bho Ghlaschu, 24km bho Dhùn Phrìs agus 85km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Drochaid Charrainn. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus turasachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsda[5] agus talla a' bhaile ann.[6] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann agus le sin feumar a dhol dhan na sgoiltean ann am Bàrr na Dris.[7]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Bha campa Ròmanach ann o shean, faisg air an rathad a thog iad ri taobh na h-aibhne Nid.[8] Chithear tobhtaichean dà chaisteil san sgìre: Caisteal Enoch,[9] a thogadh san 13mh Linn agus caisteal Mhorton, a thogadh mu 1250 agus a dh'fhàgadh ann an 1714. Thogadh stèisean-rèile agus drochaid-rathaid an seo ann an 1850[10] ach dhùnadh an stèisean ann an 1953. A-rèir carragh-chuimhne faisg air an stèisean, fhuair 28 duine às an sgìre seo bàs sa Chogadh Mòr[11] agus seachdnar eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dumfriesshire Companion
  2. Elevation Map
  3. Scottish Places
  4. Distance From
  5. Carronbridge Hotel
  6. Need a disco
  7. A' Chomhairle
  8. Dumfriesshire Companion
  9. CAST
  10. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199
  11. Scottish War Memorials Project