Obar Dheathain

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Obar Dheathain
Flag of Aberdeen.gif CoA of Aberdeen.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Gilcolmston from Denburn Court - geograph.org.uk - 253683.jpg
Aberdeen (Location).png
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Roinn a' Mhonaidh
Co-chomharran 57° 9′ 9.36″ Tuath
2° 6′ 36″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,089 km²
Àireamh-shluaigh 202,370 (2005)
Dlùths 185.83/km²
Àireamh fòn 01224
Duilleag oifigeil Comhairle Cathair Obar Dheathain

'S e baile mòr ann an Alba a Tuath a tha ann an Obar Dheathain (Beurla: Aberdeen; Beurla Ghallta: Aiberdeen). Tha 202,370 de shluagh ann sa bhliadhna 2005 agus 's e an treasa baile as motha ann an Alba, an dèidh Glaschu agus Dùn Èideann. Tha am baile-mòr ainmeil airson ola ann an Cuan a Tuath (The Oil Capital of Europe) agus clach-ghràin (The Granite city). Ged nach eilear a' gabhail ris an-diugh, bhathar a' smaoineachadh gur e Abar-Rèidh Abhainn a bu chiall dha Obar Dheathain san t-seann chànan. [1]

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Obar Dheathain na laighe eadar dà aibhneachan, Uisge Dè agus Abhainn Don. Tòisich am baile mòr mar dà bhaile, Seann Obar Dheathain (Old Aberdeen) agus Obar Dheathain Ùr (New Aberdeen). Bha Obar Dheathain Aosta ann an Tuath, aig Abhainn Don agus bha Obar Dheathain Ùr, baile iasgach, aig beul-aibhne Uisge Dè.

Eòlas-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1396, bha an sluagh 3,000. Ann an 2001, bha sluagh a' Chomhairle Cathair Obar Dheathain 212,125;[2] ach bha 184,788 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin. [3]

Poileataics[deasaich | deasaich an tùs]

Colaisde rìoghail, Oilthigh Obar Dheathain

Tha riaghailtas Obar Dheathain leis an Comhairle Cathair Obar Dheathain. Tha 43 comhairleach ann agus 13 roinnean. Tha stiùir gnothach Comhairle le Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Ann an 2007, bha 15 Libearalaich Dheamocratach, 13 SNP, 10 Làbaraich, 4 Tòraidhean agus aon comhairleach eile ann.

Tha trì roinnean-phàrlamaidean ann an Obar Dheathain airson Pàrlamaid na h-Alba agus Taigh nan Cumantan cuideachd. Ann am Pàrlamaid na h-Alba:

Ann an Taigh na Cumantan, tha an roinn-phàrlamaidean riochdaichte le Obar Dheathain a Deas, Obar Dheathain a Tuath (Làbaraich) agus Gòrdon (Libearalaich Dheamocratach).

Foghlam[deasaich | deasaich an tùs]

Foghlam Adhartaich[deasaich | deasaich an tùs]

Colaiste Robert Gordon

Tha dà oilthigh ann: Oilthigh Obar Dheathain, stèidheichte ann an 1495 agus oilthigh ùr, Oilthigh Robert Gordon, stèidheichte ann an 1992.

Tha Scottish Agricultural Collage (SAC) an colaiste ann an Obar Dheathain a Tuath agus tha Colaiste Obar Dheathain àitan iomadh ann am baile. Tha e colaiste motha ann an Alba.

Sgoilean[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Obar Dheathain 12 àrd-sgoilean agus 54 bun-sgoilean. Bha Aberdeen Grammar School stèidheichte ann an 1257. Gabhaidh Fòghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Bun-sgoil Gilcomstoun agus Àrd-sgoil Hazelhead.

Na Meadhanan[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Obar Dheathain na dhachaigh gu dà pàipearan-naidheachdan gach-là, Press and Journal agus pàipear-naidheachd san feasgar, Evening Express.

Tha stùideo-bheag BBC Scotland ann an Obar Dheathain agus prìomh-oifis STV North (mu thràth Grampian Television) suidhichte ann an Tullos. Tha trì stèisean-rèidio suidhichte anns a' bhaile, Northsound 1, Northsound 2 agus Original 106. Tha dà phrògram nan naidheachdan suidhichte ann an Obar Dheathain, North Tonight air STV north agus Good Morning Scotland air BBC Radio Scotland airson naidheachdan ionadail.

Giùlan[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Port Adhair Obar Dheathain ann an tuath a' bhaile, a tha a' ceangail Alba a Tuath le Sassain, Èirinn agus Eòrpa. Tha port-heileacoptair aig a' port-adhair a tha a' ceangail na mòr-thìr le beartan-òla ann an Cuan a Tuath. Tha e aon de na puirt-heileacoptair as trainge air feadh an t-Saoghail.[4]

Tha seirbheisean trèana bho Obar Dheathain gu Inbhir Nis, Sràid na Ban-righ ann anGlaschu, Dùn Èideann, Inbhir Uraidh agus Sasainn. 'S e port-mara airson aiseagan a tha ann. An sin tha seirbheis aiseagan a' ruith gu Lèiruig air Sealtainn agus Baile na h-Eaglais air Àrcaibh le Northlink.

Tha sia mòr rathadaidean ann an Obar Dheathain, tha A90 am prìomh rathad anns a' baile a tha a' ruith bho thuath gu deas, a' ceangail Obar Dheathain le Dùn Èideann, Dùn Dèagh, Peairt agus Breichin anns a deas agus Ealain, Ceann Phàdraig agus a' Bhruaich anns a tuath. Tha an A96 a' ceangail , gu Eilginn, Inbhir Nis agus an iar-thuath. 'S e an A93 am prìomh rathad a tha a' ruith chun an iar, gu Bràigh Mhàrr agus Am Monadh Ruadh. Tha A92, a' dol gu deas, a' ceangail am baile le Monadh Rois agus Obar Bhrothaig.

Tha bus seirbheisean ag obrachadh le First Group airson na seirbheisean anns a' bhaile fhèin agus le Stagecoach airson seirbheisean air feadh na dùthcha. Tha seirbheisean ann gu Glaschu, Dùn Èideann, Inbhir Nis agus Sassain cuideachd. Tha First Group suidhichte ann an Obar Dheathain.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. a' Phrionnsa
  2. Comparative Population Profile: Aberdeen Council Area
  3. Comparative Population Profile: Aberdeen Locality
  4. "BAA Aberdeen Airport". A' tarraing air 2007-07-31.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: