Glaschu
Glaschu
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | Alba | ||||
| Ceàrn | Srath Chluaidh | ||||
| Co-chomharran | 55° 51′ 28.8″ Tuath 4° 15′ 32.4″ Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 3,298 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 580,690 (2007) | ||||
| Dlùths | 176.07/km² | ||||
| Àireamh fòn | 0141 | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle Cathair Ghlaschu | ||||
'S e am baile as motha ann an Alba a th' ann an Glaschu [ˈɡ̊ɫ̪as̪əxu] (Beurla: Glasgow, Albais: Glesga no Glesca), agus 's e aon de na 32 ùghdarrasan ionadail na h-Alba a tha ann (ged as e Dùn Èideann am prìomh-bhaile na dùthcha). Tha an t-ainm air a fhreumhachadh bho glas + cu, a' ciallachadh "sloc glas/gorm" anns a' Bhriothannais.[1][2] Tha e suidhichte ann an taobh an iar na h-Alba air Abhainn Chluaidh ann an Srath Chluaidh. Chaidh a stèidheachadh anns an 6mh linn leis an Naomh Mungo (ris an canar Kentigern cuideachd) aig an àite far a bheil a' chathair-eaglais (a thòisich air a togail anns an 12na linn) an diugh.
Tha an dàrna oilthigh as sine ann an Alba anns a' bhaile (bho 1451, an ceathramh as sine anns a' Bhreatainn). Le còmhdhail tombaca, gàrraidhean-iarainn agus gnìomhachas eile, bha An Dàrna Cathair san Ìompaireachd ("The Second City of the Empire") air Glaschu aig deireadh 19mh linn. Chaidh gnìomhachas trom anns a' bhaile a chrìonadh gu mòr aig deireadh an fhicheadamh linn, ach dh'èirich leas-gnìomhachas, m.e. roinn ionmhasail, turasachd agus coimpiutaireachd, agus fhuair rannsachadh ann an 2005 gun rob làn-thoradh dùthchail gach pearsa nas motha anns an Rìoghachd Aonaichte dìreach ann an Lunnainn agus Dùn Èideann.[3]
Susbaint |
[deasaich] Ceàrnan
San eachdraidh bha a ciad tuineachadh Ghlaschu suidhichte timcheall air Àrd Eaglais Ghlaschu, High Street agus Abhainn Chluaidh. Bha crìochan Ghlaschu ag atharrachadh corra uairean. Chaidh Comhairle Cathair Ghlaschu a chuir air bonn anns a' bhliadhna 1996.
[deasaich] Meadhan na Cathair
Tha crìochan Meadhan na Cathair ris an High Street san àird an ear, ri Abhainn Chluaidh san àird a deas agus ris an M8 san àird an iar-thuath. Chaidh an M8 a thogail anns a' bhliadhna 1966.
[deasaich] Staitistearachd
Tha coimhearsnachd mhòr Ghaidhealach ann an Glaschu agus canar feadhainn gur e Baile nan Gaidheal a th' ann. Tha barrachd air 1,749,154 ann an sluagh Ghlaschu le gu-leòr a bharrachd a' fuireach aig oir a' bhaile. Tha pàirt mhòr de muintir na Gàidhlig (eadar 10,000 agus 15,000) a' fuireach ann an, no mu chuairt air, Glaschu.
| Suidheachadh | Àireamh-shluaigh | Ceàrnaidh | Dùmhlachd | |
|---|---|---|---|---|
| Glaschu[4] | 578,790 | 67.76 sq mi (175 km²) | 8,541.8/sq mi (3,298/km²) | |
| Greater Glasgow Urban Area[5] | 1,168,270 | 142.27 sq mi (368 km²) | 8,212.9/sq mi (3,171/km²) | |
| màthair-adhbhar: Scotland's Census Results Online[6] | ||||
Tha Glaschu dòchas-beatha beag airson cathair ann An Rìoghachd Aonaichte aig 72.9 bliadhna.
[deasaich] Giùlan
Tha siostam mòr giùlan ann an Glaschu. Tha Stèisean-rèile Meadhan Ghlaschu agus Sràid na Banrighinn nam prìomh stèisean-rèile ann an Glaschu. Tha seirbheisean ann bho Chentral Station gu Alba a Deas, Glaschu a Deas agus Sassain agus seirbheisean bho Sràid na Banrighinn gu Alba a Tuath agus Dùn Èideann.
Tha mòran rathaidean mòra ann an Glaschu a tha a' ceangal a' bhaile gu bailtean eile. Tha M8 a' ruith tron a' chathair agus a' ceangal gu M77 (gu Inbhir Àir), M78 (gu deas) agus M80 (gu Sruighlea agus gu tuath).
Tha Glaschu dà Phort Adhair, Port Adhair Glaschu, ann an iar a' bhaile, a' ceangail Alba a Tuath le Sassain, Èirinn, Eòrpa, An Ear Mheadhanach agus Aimearaga-a-Tuath agus Port Adhair Phreastabhaig, 29 mìltean air falbh bho Ghlaschu agus tha ann an Siorrachd Inbhir Àir-a-deas.
[deasaich] Foghlam
Tha ceithir oilthighean ann an Glaschu:
- Oilthigh Ghlaschu: A' tighinn as dèidh òrdugh a' Phàpa, chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1451.
- Oilthigh Srath Chluaidh
- Oilthigh Ghlaschu Caledonach
- Oilthigh na h-Alba an Iar
'S e Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an t-aona àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Alba. Tha bun-sgoil cuideachd anns an sgoil.
[deasaich] Na Meadhanan
Tha Glaschu na dhachaigh airson mòran mheadhanan a tha ann an Alba. Tha BBC Scotland agus STV suidhichte ann an Glaschu.
Tha na pàipearan-naidheachd An Herald agus an Daily Record suidhichte ann an Glaschu cuideachd.
[deasaich] Daoine Ainmeil
- Sir William Ramsay: (1852 - 1916). Ceimeagair.
- Lord Alexander R. Todd: (1907 - 1997). Ceimeagair.
- Donovan: (1947). Ceòladair.
[deasaich] Bailtean Co-cheangailte
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ Iain Mac an Tàilleir (2003)
- ↑ Ainmean ¬aite na h-Alba
- ↑ Edinburgh UK's second most prosperous city. An t-Albannach, 3 an Cèitean 2005.
- ↑ "Land area and population density, by administrative area: 30 June 2005" (Microsoft Excel). General Register Office for Scotland. A' tarraing air 2007-07-09.
- ↑ Graham Pointer. "Focus on People and Migration" (PDF). A' tarraing air 2007-07-09.
- ↑ www.scrol.gov.uk/. "2001 Census". A' tarraing air 2007-07-09.
- ↑ Annuaire de France
[deasaich] Ceanglaichean a-mach
Dùn Èideann · Dùn Dèagh · Glaschu · Inbhir Nis · Obar Dheathain · Sruighlea