Dùn Èideann
| Dùn Èideann | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | Alba |
| Ceàrn | Lodainn |
| Co-chomharran | 55° 56′ 58.4″ Tuath 3° 9′ 37.04″ Iar |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 259 km² |
| Àireamh-shluaigh | 457,830 (2005) |
| Dlùths | 1,767.68/km² |
| Àireamh fòn | 0131 |
| Duilleag oifigeil | Comhairle Cathair Dùn Èideann |
'S e Dùn Èideann prìomh-bhaile na h-Alba (bho 1437) ach chan e am baile as motha - sin Glaschu. 'S e 453,670 àireamh-sluaigh a' bhaile agus 's e an seachdamh cathair as motha a tha anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha Dùn Èideann suidhichte air an oirthir aig taobh an ear na h-Alba. 'Se Dùn Èideann prìomh-bhaile sgìre Lodainn cuideachd.
Susbaint |
Eachdraidh eile [deasaich]
'S e baile le sean Rìoghachd Bhreatannach a bh'ann an Dùn Èideann no Din Eidyn mar a chanar anns an sean chànan aig nam Breatannaich. Tha an daingneach fein suidhichte air creag bholcanachd. Re an linn reoithte, bha sgire Dun Eidinn fo raon doigh a bha siubhal dhan ear. Dh'fhag sin aghaidh direach dhan iar de'n creag agus earball truaill dhan ear (Is e Creag is Earball an t-ainm air an cruth-tire seo). Air barrachd dh'fhag e lagan air taobh tuath agus taobh dheas- a chruthaich da loch: Loch A' Thuatha agus an Loch Deasachd.
Tha "An Seann Bhaile" suidhichte air an earball, leis an Ard Sraid na ruith sios na droma dhan Chanongait a leannas air adhart gu geata Luchairt Rioghail An Ròid. Eadar Dun agus luchairt lorgar prìomh togaileachain na staite: Seann Cearnag a' Pharlamaid- a tha chun latha an diugh priomh ionad nan luchd-lagha Albannaich (gleidh Achd an Aonaidh de 1707 Co-rian lagh na h-Albainn)agus an Aros, sonraichte ris Giles Naomh, Seachad air Taigh Comhairle Dhun Eidinn, lorgar an seann "Tolbooth" agus Taigh Seinnse "Deireadh an t-Saoghal" (a chomharrachas iomall balla a'bhaile 's na meadhan aoisean, nuair a bha an Canongait na baile fa-leth taobh a-muigh na ballaichean). Ri taobh bun a'Chanongait lorgar "Taigh an Roid", taigh parlamaid ur na h-Alba.
Thòisich am baile a sgap am seachad air a sheann crìochan re an 18mh cheud. Thogadh Baile Ur Dhuin Eidinn dhan thaobh tuatha aig deireadh an 18mh cheud, mu'n am a' ghluais muintir an oilthaigh dha thaobh deas far a bheil an oilthigh suidhichte chun latha an diugh.
Cultar [deasaich]
'S e cridhe a' bhaile Caisteal Dhùn Èideann air mullach Creag a' Chaisteil. Tha fèis armachd ainmeil ann gach bliadhna ris an canar an "Edinburgh Military Tattoo", far am bi saighdearan a sealltainn cho ealanta 's a tha iad ann an co-fhairpis, ceòl agus màrsaladh.
Tha fèis ainmeil eile ann airson dràma ris an canar, gu simplidh, Fèis Dhùn Èideann no 'The Edinburgh Festival' ann am Beurla. Bidh mìlltean de chleasaichean a' tighinn agus a' gabhail pàirt bho fheadhainn ainmeil gu feadhainn neo-ainmeil a tha a' feuchainn ri ainm a dheanamh dhaibh fhèin.
Spòrs [deasaich]
Tha an lann-cluiche nàiseanta airson sgioba Rugbaidh Albannach ann - Murrayfield - agus dà sgioba mòr ball-coise a bhios a' cluich anns a' Phrìomh-Lìog ; Hibs agus Hearts.
Tha Sgioba nàiseanta criogaid na h-Alba a'cluich aig The Grange ann an Dùn Èideann. Bha Dùn Èideann fear-an-taighe de co-fhlaitheas cluiche ann an 1970 agus 1986.
Foghlam [deasaich]
Tha dìleab agus tòrr eachdraidh ann am fòghlam a' bhaile agus 's e Oilthigh Dhùn Eideann aon de na h-oilthighean as ainmeil ann am Breatainn agus san t-saoghal. Tha dà oilthigh ùr ann an Dùn Èideann , Oilthigh Heriot-Watt, stèidheichte ann an 1821 agus Oilthigh Napier, stèidheichte ann an 1992.
Tha Scottish Agricultural Collage (SAC) an colaiste ann an Dùn Èideann a deas.
Daoine ainmeil [deasaich]
- Walter Scott (1771 - 1832). Sgrìobhadair.
- Alexander Graham Bell (1847 - 1922). Dh'innlich e am fòn.
- Sean Connery (1930). Actair.
- Coinneach MacAsgaill (1958). Fear-poileataigs.
- Meg Bateman (1959). Bàrd Gàidhealach.
Baile-cèile [deasaich]
Aistean co-cheangailte [deasaich]
- Prìomh-bhailtean
- Hibernian
- Hearts
- Sgioba Rugbaidh Dùn Eideann
- Sgioba Naiseanta Alba
- Oilthigh Dhùn Èideann
- Pàrlamaid na h-Alba
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
Iomraidhean [deasaich]
Dùn Èideann · Dùn Dèagh · Glaschu · Inbhir Nis · Obar Dheathain · Sruighlea
Comhairle Cathair Obar Dheathain | Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain | Aonghais | Earra-Ghaidheal agus Bòd | Comhairle Chlach Mhanainn | Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh | Comhairle Cathair Dùn Dè | Comhairle Shiorrachd Àir an Ear | Comhairle Dhùn Bhreatainn an Ear | Comhairle Lodainn an Ear | Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear | Comhairle Dùn Eideann | Comhairle na Eaglaise Brice | Comhairle Fìobha | Comhairle Ghlaschu | Comhairle na Gàidhealtachd | Comhairle Inbhir Chluaidh | Comhairle Mheadhan Lodainn | Comhairle Mhoireibh | Comhairle nan Eilean | Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath | Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath | Àrcaibh | Comhairle Pheairt is Cheann Rois | Comhairle Shiorrachd Rinn Friù | Comhairle nan Crìochan | Sealtainn | Comhairle Shiorrachd Àir a Deas | Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas | Comhairle Shruighlea | Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar | Comhairle Lodainn an Iar