Earra-Ghàidheal
O Uicipeid
Is e Earra-Ghaidheal, no eàrr (se sin oirthir) nan Gàidheal, an ceàrn tùsail ann an Alba far an do shuidhich na Gaidheil. Mu dheireadh, dh'fhàs an tìr-imrich seo gu bhith an rìoghachd Dal Riada. Tha mòran làthairean roi-eachdraidheil ann, mar eiseamplair aig Dùn Athad.
Tha Earra-ghaidheal a'gabhail a-staigh Earra-Ghàidheal Meadhanach, Lathurna, na leth-eileanan Cinn Tìre agus Còmhal, agus na h-eileanan (Ile, Diùra, Colbhasa, Muile, Giogha).
Is iad na bailtean cudromach An t-Oban, Inbhir Aora, Ceann Loch Gilb, agus Ceann Loch Chille Chiarain.