Giùlan

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Is Roinn de Conaltradh a tha ann an "Giùlan", Tha Conaltradh na Bun-Chategory. Tha eagar a'chuise seo tro-cheile an drasda ach tha obair an gniomh a bhi ga dheanamh nas ciallachd.

Tha cairdeas dluth eadar Conaltradh agus Giùlan.

Cleachdar am facal "giùlan" airson:

  1. An Gnìomh a tha ann rudeigin a thogail suas agus siubhal leis.
  2. An uidheam a ghluaiseas Trachdadh bho àite gu àite. Mar sin chanar "giùlan" ri long a bhios a' giùlan shaighdearan do dhùthaich chèin.

Modhan Giùlain[deasaich | edit source]

Tha caochladh mhodhan-giùlain ann, air an roinn a rèir na dòigh air am bi iad a' siubhal agus a rèir nan uidheaman a bhios a' giùlan na trabhaig fhèin. Tha mdhan-giùlain eadar-dhealaichte freagarrach air trabhaig eadar-dhealaichte. Mar riaghailt choitcheann, bidh na modhan-giùlain as luaithe nas cosgaile - an airgead agus an cumhachd.

Tha na prìomh roinnean a rèir a' mheadhain

Giùlan air Tìr[deasaich | edit source]

Cleachdar caochladh mhodhan-siubhail air tìr, nam measg rathaidean-iarainn, carbadan-ola(nach eil gu mòran feum gun rathad dubh, le bàrr tearra) agus canalan.

Giùlain Tron Adhar[deasaich | edit source]

Cleachdar itealain agus heliacoptairean.

Ann an Alba tha siubhal itealain gu math cudthromach do na h-eileanan. Anns a' chiad dol a-mach, leasachadh seirbhisean itealain gu na h-eileanan le Loganair anns na 1960an

Giùlan air Uisge[deasaich | edit source]

Is urrainn do ghiùlan thar uisge a bhith na mhodh-siubhail cho saor 's a th' ann a thaobh cumhachd. O chionn 's gu bheil suathadh eadar cochall na luinge agus an t-uisge a rèir astar an t-siubhail, cha mhòr nach eil suathadh idir ann aig long a bhios na siubhal gu mall.

Anns an fharsaingeachd is e Siubhal-Adhair as cosgaile an cumhachd, ged as e am modh-siubhail as luaithe.

Dòighean Siubhail[deasaich | edit source]

Stèiseanan Rèile[deasaich | edit source]

Air na rathaidean-iarainn bho Sràid na Banrigh ann an Glaschu gu tuath, bidh soidhnichean a' nochdadh gu dà-chànanach ann an Gàidhlig is Beurla.


Companaidhean Giùlain[deasaich | edit source]