Ainmean-Àite na h-Alba

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e Ainmean-Àite na h-Alba (no AÀA) an com-pàirteachadh nàiseanta airson comhairle a chumail air ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba. 'S e a phrìomh rùn aontachadh dreachan ceart ainmean-àite Gàidhlig airson mhapaichean, shanasan is cleachdadh coitcheann.[1]

Mu Ainmean-Àite na h-Alba[deasaich | deasaich an tùs]

Bidh e a' cleachdadh eòlas nam buidhnean com-pàirteachaidh, eòlais ionadail agus thùsan eachdraidheil airson dreachan reachdail aontachadh air ainmean-àite Gàidhlig. Bithear a' leantainn chleachdaidhean litreachaidh stèidhichte a leithid Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig agus an stiùiridh a dheasaich sinn air ainmean-àite Gàidhlig.[2]

Suirbhidh Òrdanais agus Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an Com-pàirteachadh air a bhith ag obair cuide ri Suirbhidh Òrdanais, comhairlean ionadail, ùghdarrasan rathaid is buidhnean poblach bho 2000, a' liubhairt ainmean Gàidhlig airson mhapaichean is shoidhnichean. Tha an Com-pàirteachadh a' steidheachadh clàr-àitean nàiseanta ainmean Gàidhlig mar a chaidh ainmeachadh ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig airson fiosrachadh earbsach air ainmean-àite Gàidhlig a chur an cèill. [3]

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  1. http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/rannsachadh/ainmean-ite-na-h-alba Sabhal Mòr Ostaig, Ainmean-Àite na h-Alba
  2. http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/rannsachadh/ainmean-ite-na-h-alba ibid
  3. http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/rannsachadh/ainmean-ite-na-h-alba ibid

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]