An Herald

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
"An Taigh-solais", togalach Glasgow Herald Theàrlaich Rennie Mac an Tòisich

‘Se pàipear-naidheachd broadsheet beurla a th’ anns An Herald. Bidh e air fhoillseachadh air Diluain gu Disathairne ann an Glaschu.

Is è aon de na pàipearan-naidheachd beurla as sine anns an t-saoghal. Chaidh an pàipear fhoillseachadh an toiseach ann an 1783 leis an t-ainm Glasgow Advertiser. B’e Iain Mennons a' chiad deasaiche.

Dh’ atharraich e an t-ainm aige dhan an Herald and Advertiser ann an 1802 agus an deidh sin gu Glasgow Herald ann an 1805. Chaidh e làitheil ann an 1859. Ghluais am pàipear do thogalach Theàrlaich Rennie Mac an Tòisich air Sràid Mitchell ann an 1868. ‘Se an togalach seo an Taigh-Solais a-nis, an t-Ionad Albannach airson Ailtearachd, Dealbhadh agus am Baile.

Cheannaich Sir Eòghann Friseal am pàipear ann an 1964 agus an-sin, ghabh Tiny Rowland seilbh air ann an 1979 le Lonrho PLC.

Ghluais am pàipear do oifigean ùr air Sràid Albion ann an 1980. Bha iad air a dhealbh coltach ri togalach Black Lubyanka an Daily Express ann an Lunnainn.

Dh’ atharraich Eòghann Friseal an t-ainm aig an pàipear gu The Herald anns a’ Ghearran 1992. Cheannaich nam manaidsearan (leis an ainm Caledonian Newspapers) e anns a’ Chèitean 1992. Cheannaich Scottish Television e an-sin ann an 1996 agus dh’ atharraich an t-ainm aige gu Scottish Media Group an dèidh dhaibh greum fhaighinn air.

Dh'ùraich am pàipear anns a’ Chèitean 1998 agus chaidh pàipear peathar Didòmhnaich, an Sunday Herald, a' stèidheachadh ann an 1999.

‘Se Newsquest (pàirt de Ghannett) an seilbheadair a-nis, cheannaich iad e bho an Scottish Media Group ann an 2003 airson £216m an dèidh reic connsachail.

Tha tuilleadh leughadairean aige na broadsheet nàiseanta sam bith eile ann an Alba. ‘Se Marcas Dùghlas-Home an deasaiche an-dràsta, mac-bràthar Sir Alasdair Dùghlas-Home.

Ceangal a-mach[deasaich | edit source]