Edwin Morgan

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Edwin Morgan
Edwin Morgan by Alex Boyd.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Flag of Scotland.svg Glaschu 27 an Giblean 1920
Bàs Flag of Scotland.svg Glaschu 17 an Lùnasdal 2010
Obair Litreachas, Bàrdachd
Cànan Beurla, Beurla Ghallta
Linn 20mh linn
Creideamh Pròstanach

'S e bàrd is eadar-theangair Albannach a bha ann an Edwin George Morgan FRSE, OBE, (Glaschu, 27 an Giblean 1920 – Ibidem 17 an Lùnasdal 2010) is ceangailte e leis an Ath-Bheòthachadh Albannach. Aithnichte e a mar fear nam bàrd Albannach as cudthromaiche den fhicheadamh linn. 'S ann ann an 2004 a chaidh e ainmeachadh mar a' chiad bhàrd nàiseanta na h-Alba: Am Prìomh-Bhàrd Albannach.

Beatha agus dreuchd [deasaich]

Rugadh Morgan ann an Glaschu agus thogadh e anns a' Ghleann Ruadh. B' e clèirich a phàrantan. Mar phàisde cha robh mòran leabhraichean san taigh, agus cha robh e ceangailte ri daoine litreachail idir cuideachd. Aithnichte e mar 'eòlaiche' aig an sgoil. Dhearbh e air a phàrantan airgid a thoirt don bhallrachd aige air iomadach bhuidheann litreachais ann an Glaschu. Thuirt e gum b' e 'taisbeanadh' dha The Faber Book of Modern Verse (1963), bliadhnaichean às dèidh sin.

Chaidh Morgan gu Oilthigh Ghlaschu ann an 1937. B' ann anns an Oilthigh a dh'ionnsaich e Fraingis is Ruisis, fhad 's a dh'fhèin-ionnsaich e Gearmailtis is Eadailtis cuideachd. Às dèidh bristeadh fhoghlaim gus seirbhis a dhèanamh san dàrna Cogadh Mòr mar ghearanaiche cogaiseach neo-choimhliche anns a' Bhuidhean-Airm Leigheach an Airm Rìoghail. Cheumnaich e ann an 1947 agus dh'obair e mar òrdaiche aig an aon Oilthigh gus an do leig e obair ann an 1980.

Dhealbh Morgan a ghnèitheachd, bhon chiad dol a-mach, ann an Nothing Not Giving Messages: Reflections on his Work and Life (1990) ann an agallamh le Crìsdean Mac 'Ille-Bhàin. Sgrìobh e iomadach dhàn gaoil ainmeil; am measg Strawberries agus The Unspoken, far ach robh gnè aig a rùn. B' e an adhbhar laghail don a' shin aig an àm, ach, cuideachd, amas choitcheannachd, mar a mhìnich e ann an agallamh le Marshall Mac an Fhùcadair. Aig fosgladh an Ionad LGDE (Leasbach, Gèidh, Dà-ghnèitheach agus Eadar-ghnèitheach) Ghlaschu ann an 1995, leugh e dàn a sgrìobh e su sònraichte son an tachartais, agus dh'fhritheallaich e e mar thiodhlac.

B' ann ann an 2002 a chaidh e ainmeachadh mar phàtran Our Story Scotland. Aig fosgladh na Pàrlamaid Albannaich ann an Dùn Èideann, air 9mh den Dàmhair 2004, leugh Liz Lochhead dàn sgrìobh Morgan gu sònraichte son an taichartas sin, cuideachd. Chaidh ise a h-ainmeachadh mar an neach-leantainn aige is Prìomh Bhàrd Albannach aig Deireadh-gheamraidh 2011.

A bheatha a' tighinn gu crìoch, fhuair Morgan luchd-leughaidh ùr às dèidh co-obrachadh a dhèanamh leis a' chòmhlan-ciùil Albannach Idldewid air an clàradh The Remote Part. Aig deireadh an òran mu dheireadh, In Remote Part / Scottish Fictionn, leugh e an dàn Scottish Fiction' a chaidh a sgrìobhadh gu sònraichte son an òran fhèin.

B' ann ann an 2007 a thug dà dhàn dhan dhuanaire Ballads of the Book, agus chruthaich mòran bhàrd Albannach dàintean a chaidh an tionndadh gu òrain le luchd-ciùil Albannach. B' e na h-òrain aig Morgan The Good Years agus The Weight of Years a thaisbeanaich Karine Polwart is Idlewild. Thug Séamus Ó hEighnigh, urram foirmeil dha, mar phàirt den chèilidh aige ann an 2005 agus Ó hEighnigh na phrìomh bàrd Nobel.

Chaidh Morgan a chùram ann an taigh còmhnaidheil oir bha tinneas bochd air. Dh'fhoillsich e cruinneachadh anns a Ghiblean 2010, leis an tiotal Dreams and Other Nightmares, mìosan ron bhàsachadh aige, gus comharrachadh a dhèanamh air a nochdadamh là-breith. Ro bhàsachadh, b' e an marainniche mu dheireadh nan Seachdnar Mòr litreachail (am measg, Aodh MacDiarmaid, Rabairt Garbhach, Tormod MacThaoidhg, Iain Mac a' Ghobhainn, Deòrsa Mac Iain Deòrsa is Somhairle MacGill-Eain).

B' ann air 17mh den Lùnasdal 2010 a chaidh Edwin Morgan às a rathad, leis a' ghreim mhòr. Bha e nochdad bliadhna dh'aois. Sgaoil Leabharlann Bàrdachd Albannaich am fios anns a' mhadainn. Chaidh ùmhlachdan a thoirt le luchd-poiliteigs mar Ailig Salmond is Iain Gray agus Carole Ann Ní Dhubhthaigh, Prìomh Bhàrd an Rìoghachd Aonaichte.

B' ann air 22mh den Dàmhair a mhìnich Ailig Salmond, anns an òraid aige aig a' Cho-labhairt a' Phartaidh Nàiseantach, gun do chuir Mòrgan £918,000 dhan Phartaidh mar ath-dhealbhachd'. An ath là chaidh e fhoillseachadh gun cleachdadh an tiodhlac airson an iomairt chunntas-beachd aig a' Phartaidh. Dh'fhàg Morgan £45,000 gu iomadach charaid, seann cho-obraichean agus buidhnean carthannais agus £1 millean son cruthachadh duais bliadhnail son nam bàrd òg ann an Alba.

Bàrdachd [deasaich]

Chleachd Morgan diofar cruinneachaidhean is stoidhlichean, am measg duanagan is bàrdachd chruadhtain. Bha a dhuaniare air a foillseachadh ann an 1990. Cuideachd, dh'eadar-theangaich e bho iomadach chànan cèin, am measg Ruisis, Ungairis, Fraingis, Eadailtis, Laideann, Spàinnis, Portagalais, Gearmailtis agus Seann Bheurla (Beowulf). Chaidh mòran aca a chruinneachadh ann an Rites of Passage: Selected Translations (1976). 'S e an tionndadh Beowulf aige am eadar-theangachd coitcheann ann an Amearaigea.

Bha buaidh mòr aig na bàrd beat Amearaigeanach air Morgan, leis am beachdan is cainnt simplidh is fosgailte mar chomharradh a chuid obrach. B' ann ann an 1968 a sgrìobh e dàn leis an tiotal Starlings In George Square. Leughadh an dàn mar beachd air an t-seachdnadh aig a' phoball a thaobh iomlanachadh nan duine à thall thairis. Air an làimh eile, thuig feadhainn eile blas Bun-os-cionn Ruis agus gum b' ann an Stalin a bha Starlings.