Gàidhealtachd na h-Alba

O Uicipeid
Roinnean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn (2001)

'S i a' Ghàidhealtachd sgìre no coimhearsnachd sam bith far a bheil a' Ghàidhlig air a cleachdadh mar phrìomh chànain. Gu h-eachdraidheil bha a' Ghàidhealtachd a' gabhail a-steach beanntan is glinn Siorrachdan Obar Dheathain, Peairt, Sruighlea bho thuath air Abhainn Chluaidh gu ruige na h-eileanan uile far oirthir an iar na dùthcha, ach an dèidh dhan Ghàidhlig crìonadh san 20mh linn chan eil ceangal cho mòr aig an ainm sin ris a' chànan tuilleadh. Chan eil 'Gàidhealtachd' an t-àite sam bith tuilleadh ach na h-Eileanan an Iar agus ceàrnaidhean dhen Eilein Sgitheanaich far a bheil Gàidhlig fhathast aig a chuid as motha den t-sluaigh. Gu h-eachdraidheil - ro chrìonadh na Gàidhlig agus sgaoileadh na Beurla - bhruidhneadh daoine mun a' chuid a bu mhotha de dh'Alba mar "a' Ghàidhealtachd".