Donovan
O Uicipeid
Donovan Philips Leitch
Ceòladair
| Co-là-breith | 10 an Cèitean 1946 |
|---|---|
| Àite breith | Glaschu (Alba) |
| Ceann-latha bàis | Fhathast beò |
| Àite bàis | |
| Cèile | Linda Lawrence |
| Ionnsramaidean | Guth, giotàr |
| Stoidhle | Folk rock |
| Làrach-lìn | http://www.donovan.ie/ |
Tha Donovan (Donovan Phillips Leitch, rugadh 10 an Cèitean 1946 ann an Glaschu) na sheinneadair agus na sgrìobhadair òran. Bha e a b' ainmeile anns na 1960an agus na 1970an, ach, an dèidh grunnan tarraingean a-mach à cluiche is à clàrachadh, bha ath-bheòthachadh aige anns na 1990an agus tha e a' cluich is a' seinn fhathast. 'S iad na clàran as ainmeile aige: Sunshine Superman, Mellow Yellow agus The Hurdy Gurdy Man.