Nürnberg

O Uicipeid
Nürnberg
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Mittelfranken
Sgìre Bayern
Co-chomharran 49° 27 00' Tuath
11° 05′ 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 186.38 km²
Àireamh-shluaigh 505,664 (2010)
Dlùths 2,713.08/km²
Àireamh fòn +49 (0)911
Duilleag oifigeil http://www.nuernberg.de

‘S e baile mòr ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann am Nürnberg (IPA: nʏɐ̯nbɛɐ̯k, Beurla/Frangais: Nuremberg). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Mòinteach Chreagach bho dà fhacal anns an t-seann Gearmailtis berg (beinn) agus nuor (creag). Tha baile eile ann air a bheil Nürburg[1] le u an àite e, ann an Rheinland-Pfalz,[2] ach ‘s e Nürnberg le e a tha mòran nas ainmeil is nas motha. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1050 mar Noremberc. Tha e suidhichte aig 302m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Pegnitz agus an Canal Rhein-Main-Donau, anns an stàit Bayern. Tha am baile 378km air falbh bho Bherlin, 150km bho Mhünchen, 157km bho Stuttgart agus 171km bho Heidelberg.[3] Tha Nürnberg am broinn na sgìre Meadhan nam Frangach (Gearmailtis: Mittelfranken). Tha 505,664 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an dàrna baile as motha na roinne agus an 15mh baile nas motha na dùthcha.[4]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha a h-uile coltas ann gun do stèidheachadh Nürnberg aig tòiseach an 11mh Linn, a-rèir a’chiad sgrìobhainn eaglaiseil mu dheidhinn a’ bhaile, a nochd ann an 1050, leis gu robh caisteil ann an seo eadar Bayern agus na Frangaich.[5] Dh’fhàsadh am baile mòran eadar 1050 agus 1571 air sàilleabh a shuidheachadh math air na rathaid mhalairt. Bhìte a’ cumail taighean-cùirte agus Dàil na h-ìompaireachd ann an Nürnberg, is bhrosnachadh sin malairt cuideachd. Thug an Rìgh Friedrich II còirichean sònraichte sgrìobhte (Gearmailtis: Großen Freiheitsbrief) dhan bhaile ann an 1219, is le sin dh’fhaodadh a bhith a’ deànamh airgid agus taigh cusbainn a chumail.[6] Bha Nürnberg os cionn lìonra mhalairt mhòr eadar An Eadailt is Eòrpa an tuath. Bheireadh ionnsaighean fuilteach air na h-Iùdhaich ann an 1298, is bhathar a’ fàgail orra gun do rinn iad droch sgrios air Abhlan coisrigte. Chaidh 698 Iùdhaich a mharbhadh anns a’ Phogrom siud. Bha na ionnsaighean sin uabhasach àbhaisteach ri linn na Plaighe,[7] gu h-àraidh ann an 1405, 1435, 1437, 1482, 1494, 1520 agus 1534.[8]

Bha ar-a-mach neo shoirbheachail an aghaidh nan Uachdarain ann an 1349 ris an canar Ar-a-mach na Luchd-chiùird (Gearmailtis: Handwerkeraufstand), a fhuair taic bho na luchd-malairt agus comhairlichean. Chaidh buidhnean ciùird, a bha cho àbhaisteach air feadh na Roinn Eòrpa, a chur às is le sin bha làmh an uachdair aig na h-uachdarain fad na linntean.[9] Thug Tearlach IV tuilleadh chòirichean do Nürnberg is le sin dh’fhaodadh am baile caidreachasan poiliteagach a chruthachadh mar phrionnsaichean is rìghrean[10] A dh’aindeoin sin, bha còmhstri poiliteagach ann mar bu thric, ged nach do dheànadh sin cron maireannach air a’ bhaile. Rinn teine droch sgrios is milleadh doirbh air a’ chaisteal ann an 1420 ri linn trioblaid eadar Rìgh Freidrich I à Brandenburg agus Diùc Bhavaria-Ingolstadt. Cheannaich am baile tobhtaichean a’ chaisteil is a’ choille mu a thimcheall ann an 1427. Le sin, bha Nürnberg gu math sàbhailte taobh chrìochan is fiù’s dh’fhàs e tuilleadh leis gun do ghabh e thairis sgìrean eile. [11] Thuit an àireamh dhe daoine a bha a’ fuireach an seo ri linn na Cogaidhean Hus eadar 1419 agus 1434, an uair sin thill a’ phlàigh ann an 1437 agus bha an Cogadh Markgraf ann an dèidh sin. A dh’aindeoin sin, thug Nürnberg taic dhan Dhiùc Bhayern anns a’ chogadh Landshut aig tòiseach an 16mh Linn is le sin fhuair e mòran fhearainn (64.7 km2) air ais is bha Nürnberg fear dhe na bailtean na bu mhò anns an dùthaich.[12]

Eaconomaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha gniomhachas le Lebkuchen, aran-cridhe sònraichte aig àm na Nollaige, cudromach do dh'eaconomaidh a' bhaile. Nochd a' chiad tùs mu Lebkuchen ann an Nürnberg ann an 1395. [13] 'S e aon de na margaidhean na Nollaige as sine air feadh a' Ghearmailt a tha anns an Nürnberger Christkindlesmarkt. Tha na h-eachdraichean dhen bheachd gun deach am margadh a chur air bhonn eadar 1610 is 1639. An-diugh tha e a' tarraing timcheall air 2 millean luchd-turais gach bliadhna, mar sin 's e sin aon de na margaidhean as motha a th' ann cuideachd.[14]

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte
  • San Carlos
  • Shenzhen
  • Skopje
  • Venezia

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Nürburg
  2. Rheinland-Pfalz
  3. Distance Calculator
  4. Bailtean na Cruinne
  5. Nürnberg, Reichsstadt: Politische und soziale Entwicklung
  6. Nürnberg, Reichsstadt: Politische und soziale Entwicklung
  7. "Black Death". JewishEncyclopedia.com
  8. Jerry Stannard, Katherine E. Stannard, Richard Kay (1999). Herbs and herbalism in the Middle Ages and Renaissance. University of Michigan Press. ISBN 0-86078-774-5
  9. EntwicklungTeamplaid:Fix/category[dead link]
  10. New Advent
  11. New Advent
  12. New Advent
  13. Biadh Gearmailteach
  14. Nürnberger Christkindlesmarkt 2009: Daten und FaktenTeamplaid:Fix/category[dead link]
  15. New York Times
  16. SisterCities
  17. Stadt Gera
  18. Riaghaltas Iosrael
  19. Urząd Miasta Krakowa
  20. Annuaire de France

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]