Inbhir Nis

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
Inbhir Nis
Inverness (Location).png
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 28′ 18.36″ Tuath
4° 13′ 31.68″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 40,900 (2001)
Àireamh fòn 01463
Duilleag oifigeil Inbhir Nis

'S e baile ann an Ceann a Tuath na h-Alba a th' ann an Inbhir Nis. Gu tric, theirear Prìomh-Baile na Gaidhealteachd ris, ach ged a tha sin connspaideach, gu cinnteach, 's e Inbhir Nis prìomh-bhaile sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha e aig inbhir i.e. beul, Abhainn Nis. 'S e Inbhir Nis am baile as luaithe a' fàs anns an Roinn Eòrpa. Ged as e am baile as motha air Ghàidhealtachd a th' ann tha e gu math Gallda agus tha a' Ghàidhlig air a bhith lag ann tro eachdraidh. Bho 2001 's e sluagh a' bhaile 51,000 agus thathas an dùil gun dùblaich an àireamh seo tarsainn air an ath thrichead bliadhna.

[deasaich] Cruinn-eòlas

Suidheachadh

Tha Inbhir Nis suidhichte air inbhir an Linne Mhoireibh agus Abhainn Nis. Tha e faisg air Loch Nis agus Slighe-Uisge a' Ghlinne Mhòir a tha a' ceangal Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lochaidh.

[deasaich] Eachdraidh

Bha Inbhir Nis taigh do Na Cruithnich agus bha Calum Cille a' tadhail an seo ann an 565. Chaidh an caisteal a thogail le Maol Chaluim Mac Dhonnchaidh. Bhon bhliadhna 2001 's e cathair a tha ann an Inbhir Nis, mar sin tha e a' bragail Inbhir Àir agus Pàislig.

[deasaich] Giùlan

Tha seirbheisean trèana (dìreach) bho Stèisean-rèile Inbhir Nis gu Obar Dheathain, Sràid na Ban-righ ann an Glaschu, Dùn Èideann, Inbhir Pheofharain, Inbhir Uige/Inbhir Theòrsa, Caol Loch Aillse agus Lunnainn.

Tha rathad mòr (A9, A82 agus A96) a' ceangal Inbhir Nis le Obar Dheathain, Glaschu, Peairt, Inbhir Uige agus Dùn Èideann.

Tha plèanaichean bho Phort-Adhair Inbhir Nis ag itealag gu Sassain agus Eireann.