‘S e baile mòr ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann an Augsburg (Eadailtis: Augusta, Frangais: Augsbourg, Laideann: Augusta Vindelicorum). ‘S ann às na Vindelici, treubh Ceilteach neo Liburnianach a bha nan tàmh san sgìre ro àm nan Ròmanach a th'ann an t-ainm is chaidh am baile a stèidheachadh ann am 15 BC le Tiberius. Tha e suidhichte aig 485m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Lech, anns an stàit Bayern. Tha am baile 494km air falbh bho Bherlin (Prìomh-bhaile na dùthcha), 57km bho Mhünchen, 132km bho Stuttgart agus 198km bho Heidelberg.[2] Tha Augsburg am broinn na sgìre Schwaben. Tha 264,708 duine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 3 baile na stàite, an 24mh baile nas motha na dùthcha[3] agus an treas baile as aosda (an dèidh Trier agus Neuss). Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1970.
Daoine ainmeil [deasaich]
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ 尼崎市
- ↑ Ville de Bourges
- ↑ City of Dayton
- ↑ Comhairle na Gàidhealtachd
- ↑ 济南
- ↑ Statutární město Liberec
- ↑ 長浜市
Ceanglaichean a-mach [deasaich]