Caol Loch Aillse

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Caol Loch Aillse faisg air Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Tha Caol Loch Aillse suidhichte ann an sgire Loch Aillse, ann an Siorramachd Rois, air cladagh Caol Acain an seolaid eadar An Tir Mor agus An t-Eilean Sgitheanach, gu dearbh chan ann an "Caol Loch Aillse" ach ainm eile airson Caol Acain. Tha baile air gach taobh a' chaoil, agus tha am baile air an Eilean air togail an t-ainm "Caol Acain". Cha mhor nach do chruthaich Rathad-iarainn na Gaidhealtachd an t-ainm "Caol Loch Aillse" nuair a'bhuail iad an t-ainm sin air an ceann-phort (steisean) a thog iad aig a' Chaoil an luib fadachadh an rathad-iarainn tro Loch Aillse bho Port an t-Sroin chun a'Chaoil re na 1890'n. Anns an latha an diugh,tha Drochaid an Eilein na leum bho Ploc a' Chaoil, leth-eilean chreagach a laigheas dhan a Thuath bhon Phort.

Eachdraidh a' Bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Is e Port Rathad-iarainn a bha an Caol Loch Aillse bho thús, a chaidh a chruthaicheadh ré na 1890'n le Companaidh Rathad-Iarainn na Gaidhealtachd. Thog an rathad-iarainn port-stiomair, steidhichte air laimrig rathad-iarainn aig an aite, comhla le earran úr de rathad-iarainn bho Port na Sroine. Fhosgaileadh na goiresean uile an seo an 1897. Chaidh na bataichean-aiseag airson Steornabhagh a Caoil Loch Aillse bho 1897 gu 1974, nuair a thoisich na bataichean carbaid a ruith bhon laimrig ur aig Ulapul.