Ulapul

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ulapul

Tha Ulapul na phort a tha ann an Alba-a-tuath. Tha an t-aiseag a’ dol eadar Ulapul agus Steòrnabhagh ann an Leodhas.

Tha e na bhaile Iasgaidh anns a' sgìre Ghlinne Bhraoine (Loch Bhraoin), Rós an Iar. Bha mu 1,500 duine a' fuireach ann ann an 1988.

Stèidhichte leis a' Bhritish Fisheries Society ann an 1789, seasaidh am baile air cladach-thogta a tha mu 8m as cionn àrd na mara. Leigeadh na sraidean a mach an cruth A' Bhranndair bho thus, ged a chaidh iomadh bliadhna seachadh mus an robh taigh air gach lot.

Anns an latha an diugh, bithidh an t-aiseag eadar Eilean Leodhais agus an Tir Mòr a' seòladh bho Ulapul gu Steornabhagh. Is e an laimhrig a tha na fior cridhe dhan bhaile, agus air barrachd ionad an aiseag tha laimhrig-iasgaidh le acfhuinn-deoigh, thogta 's na 80'n nuair bha Ulapul na phort air leth chudthromach ann an malairt nan "klondyker". Tha Àrd Sgoile nan sia bliadhna stèidhichte 's a' bhaile agus tha aonad Gàidhlig aig a' bhun-sgoile. Tha an nobhail Na Klondykers stèidhichte ann an Ulapul. Bha Ulapul ainmeil airson na luing mòra Sovietach a thadhail air. Bha Pravda air reic ann an Ulapul aig aon àm.

Tha Ulapul ainmeil airson an "Ceilidh Place" stèidhichte leis an actar Raibeart Urchardan (Robert Urquhart), nach maireann. A-rèir an t-Urchardan bha Ulapul riamh baile nan coigreach: - Baile Gallta stèidhichte an sgìre a bha air leth Gàidhealach. Gu deireadh na 1980'n bha seo follsaichte le "Parlamaid nan Penguin"- buidheann nam bodaich a bhiodh a' cruinneachadh gach madainn aig ceann "Sraid na Laimhrig" agus a bhiodh a' comharachadh le cheile as Gàidhlig na sgìre.

Cidhe Ulapol

Anns an latha an diugh tha ministeir sgireil de eaglais na h-Alba steidhichte an Ulapul, ach mus an deach steidhicheadh air a bhaile, b' e Clachan aig Ceann Loch Bhraoin (mar a bhiodh daoine an duil!), bun-eaglais a' pharaiste. Aig àm an Ath-leasachaidh mharbhadh an sagairt mu dheireadh an siorrachd Rois "An Sagart Ruadh", le saighead, faisg air Clachan.