Arcaibh
Is e buidheann de dh'eileanan a tha ann an Arcaibh[1][2] far costa a tuath na h-Alba.
Susbaint |
Eachdraidh [deasaich]
Cha robh na h-eileanan seo fo riaghladh Albannach ro 1471, nuair a thugadh iad (còmhla le Sealtainn) le Rìgh Lochlainn do Rìgh na h-Alba, mar earlas airson tòchradh a nighinn na b' urrainn ga phàigheadh. Cha do phàigh Rìgh Lochlainn an tòchradh fhathast agus tha Arcaibh an-diugh measaichte a bhith Albannach. Cha robh a' Ghàidhlig a-riamh aig na h-Arcaich. B' e Norn an cànan a bha aca, nòs de sheann Lochlannais a mhair gu ruige na 18mh linn. Bha rìoghachd Chruithneach ann mus dàinig na Lochlannaich. 'S e Bàgh na h-Eaglaise am prìomh-bhaile ann, far a bheil àrd-eaglais Naomh Mhànais.
Còmhla ri Sealtainn, canar cuid "na h-Eileanan a Tuath" ri Arcaibh.
Riaghaltas Ionadail [deasaich]
Bha inbhe siorramachd aig na h-Arcaibh gu ruige 1974, suidheachadh nach do dh'atharraich gu mòr fon Local Government Scotland Act, a chuir às do na seann Chomhairlean Shiorramachd agus a' stèidhich comhairlean roinneil agus sgìreil nan àite. Is ann mar sin a chaidh "Orkney Islands Council" a chruthachadh an 1974, ùghdarras ionadail aonaichte, mar a tha aig Innse Gall agus Sealtainn bho sin a-mach.
Eaconomaidh [deasaich]
Eu-coltach ri Sealtainn, nas fhaide tuath, cha dug gnìomhachas ola a' Chuain Ghearmailtich buaidh mhòr air Arcaibh. Tha na h-eileanan seo ìosail agus tha an talamh math, is e àiteachas aig inbhe tuathanasachd, (inbhe nas beartaich na croitearachd) a tha na bun-stèidh den eaconomaidh. Is ann mar sin nach e siorramachd croitearachd a bha an Arcaibh a-riamh.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Dieckhoff, H. (1932) A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic; reprinted in 1988 by Gairm ISBN 1-871901-18-9
- ↑ Mark, C. ( 2004) The Gaelic-English Dictionary Routledge ISBN 0-415-29761-3
Aistean co-cheangailte [deasaich]
Comhairle Cathair Obar Dheathain | Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain | Aonghais | Earra-Ghaidheal agus Bòd | Comhairle Chlach Mhanainn | Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh | Comhairle Cathair Dùn Dè | Comhairle Shiorrachd Àir an Ear | Comhairle Dhùn Bhreatainn an Ear | Comhairle Lodainn an Ear | Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear | Comhairle Dùn Eideann | Comhairle na Eaglaise Brice | Comhairle Fìobha | Comhairle Ghlaschu | Comhairle na Gàidhealtachd | Comhairle Inbhir Chluaidh | Comhairle Mheadhan Lodainn | Comhairle Mhoireibh | Comhairle nan Eilean | Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath | Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath | Àrcaibh | Comhairle Pheairt is Cheann Rois | Comhairle Shiorrachd Rinn Friù | Comhairle nan Crìochan | Sealtainn | Comhairle Shiorrachd Àir a Deas | Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas | Comhairle Shruighlea | Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar | Comhairle Lodainn an Iar