Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Scotish National Party Ribbon.png
Fiosrachadh
Stèidheachadh 20mh An Giblean 1934
Luchd-stèidheachaidh John MacCormaig
Robert Bontine Ò Cuinneagain Greumach
Roland E. Muirhead
Diùc Mhonadh Rois
James Valentine
Compton MacCoinnich
Hugh MacDiarmaid
Lewis Spence
Florence Marian NicNèill
Sir Alexander MacEòghainn
Àite-Stèidheachaidh Dùn Èideann
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Neo-eisimeileachd
Deamocrasaidh-sòisealta
Oifisean Gordon Lamb House, 3 Jackson's Entry, Dùn Èideann, EH8 8PJ, Alba
Cathraiche Alex Salmond
Suidheachain Dùn Èideann: 68
Lunnainn: 6
A' Bhruiseal 2
Riaghaltas Riaghaltais mór-chuid

‘S e pàrtaidh poiliteagach sòisealta deamocratach ann an Alba a tha a’ strì airson neo-eisimeileachd na dùthcha a th' ann Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Chaidh am pàrtaidh sin a stèidheachadh ann an Dùn Èideann ann an 1934 tro aonadh caochladh bhuidhne agus ‘s e Ailig Salmond a th' ann ceannard a’ phàrtaidh, Iain Hudghton a th’ann an cathraiche agus Donnchadh Ros a th' ann an Rùnaire Nàiseanta.[1]

Fhuair na Nàiseantaich 47 seataichean dhe 129 ann am Pàrlamaid na h-Alba air fad anns na taghaidhean ann an 2007, ach cha d’ fhuair iad taic bho na pàrtaidhean eile airson riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh, leis gu bheil na Làbaraich, na Libearalaich agus na Tòraidhean gu math an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba. Le sin, tha iad a’ riaghladh na dùthcha ann an Riaghaltas beag-chuid.[2]

Tha am pàrtaidh na bhall Caidreachas Saor na Roinn Eòrpa. Tha dithis bhall aca anns A' Bhruiseal, (dhe sianar do dh’ Alba air fad), 7 seataichean dhe 59 do dh’ Alba ann an Lunnainn a bharrachd air 364 comhairlichean (dhe 1,224 ann an Alba). Le sin, tha iad os cionn 12 comhairlean dhe 32 air fad.[3]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Ionannachd ris a’ Phàrtaidh Québécois[deasaich | deasaich an tùs]

Tha caochladh riochdaire a’ Phàrtaidh Québécois air ràdh gu bheil am pàrtaidh aca uabhasach coltach ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.[4] A bharrachd air sin, thathar a’ cur an cèill anns an cuid òraid phoiliteagach nach eil Catalòinia, Alba agus Québec (IPA: kebɛk) cho eadar-dhealaichte. Gu dearbha, chan eil iad air an cuid amasan a choileanadh fhathast ged a bheil iad air a bhith a’ lorg neo-eisimeileachd na dùthchannan aca, 's dòcha air sàilleabh gu bheil frionas ann eadar an taobh deamocratach sòisealta agus an taobh nàiseantach na trì dùthchannan sin. ‘S urrainn dhan Phàrtaidh Québecois agus na Nàiseantaich ann an Alba taghaidhean a bhuannachadh ach, gu ruige seo, chan fhaodadh iad neo-eisimeileachd fhaighinn. Mìnichidh am film Le confort et l'indifférence (Gàidhlig: Comh-fhurtachd agus Suarachas) dhuinn mu dheidhinn an t-suidheachaidh sin leis gu bheil sinn a’ fuireach ann an stàit shochairean agus ann an co-chomann na luchd-chleachdaidh.[5] ‘S e measgachadh dhe mòran dhaoine eadar-dhealaichte ann an co-bhann a bh' ann Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nuair a thòisich e ann an 1934, is iad nan luchd-dealachaidh Albannach ann an dà chuid daoine na làimhe deise is daoine na làimhe chlì. Dh’ fhàsadh am pàrtaidh beag air bheag is iad a’ gabhail smuaintean bho na Làbaraich is bho na Tòraidhean. ‘S e an aon rud a thachair eadar Pàrtaidh Libearalach na Québec agus Aonadh Nàiseanta na Québec.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. David Ross: History of Scotland, Geddes & Grosset 2002, p 31 ISBN 1842051458
  2. Sociedades Offshore
  3. Cadena ser
  4. Virgile
  5. IMDB

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]