Beattock

O Uicipeid
Beattock

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 18′ 29″ Tuath
03° 27′ 29″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 350 (2001)
Àireamh fòn 01683
Duilleag oifigeil Beattock aig Scottish Places

'S e baile beag dùthchasail faisg air a' Mhagh Fada, air àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Beattock. Tha e suidhichte aig 158m os cionn ìre na mara,[1] air àirde ann ear-thuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Langaim agus An t-Seann Chathair, ri taobh na h-aibhne Anainn. Tha e 26km air falbh bho Dhùn Phrìs, 77km bho Ghlaschu, 109km bhon An t-Sròn Reamhar agus 74km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 350 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Beattock. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Tha taigh-òsta[4] agus taigh-seinnse[5] anns a’ bhaile cuideachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Fada.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Gàidhlig Beath-achadh le co-chàradh Bheurla ann an a tha ainm an àite seo.[7] Bheireadh sin Achadh Bheithe dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha iomadh ainm-àite dà-chànanach ann an Alba. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[8]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Beattock air a bhith na ionad-stad fad nan linntean. Bha rathad Ròmanach ann agus daingneach neo dhà cuideachd.[9] Chruthaich Thomas Telford rathad eile aig toiseach tòisichidh an 19mh Linne. Chaidh loidhne-rèile a thogail an seo leis a' Chompanaidh Caledonian Railway ann an 1847 ach chaidh e a dhùnadh ann an 1972.[10] Nochd e san leabhar The Thirty-Nine Steps a sgrìobh John Buchan.

Tha an M74, a thogadh ann an 1966, dìreach ri taobh a' bhaile agus tha an t-Slighe Àrd a Deas air a bhith a' dol tron bhaile bho 1984[11] agus an t-Slighe Dhail Anainn bho 2009.[12]

Bha an teaghlach Johnstone gu math làidir an seo bho 12mh Linn gus an 18mh Linn. Thog iad daingneach air a bheil Lochwood, a chaidh a losgadh leis na Maxwell ann an 1585.[13] A rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair ceithir duine thar fhichead às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[14] agus seachdnar eile san Dàrna Cogadh.

Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile: An X74 Dùn Phrìs - Am Magh Fada - Glaschu agus an 114 Dùn Phrìs - Beattock - Am Magh Fada.[15]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Meteo Consult
  2. Distance Calculator
  3. A' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Auchen Castle Hotel
  5. The Old Stable
  6. Beattock PrimaryTeamplaid:Fix/category[dead link]
  7. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. Dumfriesshire Companion
  10. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199
  11. Southern Upland Way
  12. Annandale Way
  13. Dumfriesshire Companion
  14. War Memorials Project
  15. Còmhdhail na Comhairle